Västerås
Västerås
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Västmanlands län | ||||
Sgìre | Västmanland | ||||
Co-chomharran | 59° 36 35′ Tuath 16° 32 47′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52.9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 145,218 (2015) | ||||
Dlùths | 2,745.14/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 21 | ||||
Duilleag oifigeil | http://vasteras.se/ |
‘S e baile mòr agus sgìre-riaghlaidh ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann am Västerås (IPA: vɛstɛrˈoːs). Tha e suidhichte faisg air Eskilstuna aig inbhir na h-Aibhne Svartån le Loch Hjalmar,[1] anns an sgìre Örebro län, 152km air falbh bho Uppsala agus 159km bho Ghöteborg.[2] Tha 145,218 duine a' fuireach ann, 110,877 dhaibh sa bhaile fhèin.[3]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à Väster (siar) agus arōs (àros) a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Àros an Iar dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla Ghallta wester agus a' Ghearmailtis western a th' ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1331 mar væstrearoos. Chaidh Oilthigh Mhälardalen a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann am Västerås agus fear eile ann an Eskilstuna.[5]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Mai Zetterling (1925 - 1994) Actair.[6]