Voronezh
Воронеж Voronezh
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ruis | ||||
Ceàrn | Tsentralny Federalny Okrug | ||||
Sgìre | Voronezhskaya Oblast | ||||
Co-chomharran | 51° 40’ 15 Tuath 39° 12′ 51 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 590.43 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,014,600 ({{{BLIADHNA}}}) | ||||
Dlùths | 1,718.41/km² | ||||
Àireamh fòn | +7 473 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.voronezh-city.ru/ |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Ruise a th’ ann Воронеж neo Voronezh (IPA: vʌronʲɪʃ, Fraingis: Voronej, Gearmailtis: Woronesch, Pòlais: Woroneż). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1585 leis an Rìgh Feodor I mar ghearasdan airson an dùthaich a dhìon an aghaidh nan Tartar. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Voronezh, 12km a-mach às an abhainn Don, aig 140m os cionn ìre na mara, anns an sgìre (Ruisis: Oblast) Voronezh, anns an roinn (Ruisis: Okrug) Meadhan na Ruise, aig astar dhe 424km bho Mhosgo (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 1,069km bho Chathair Pheadair.[1] Tha 848,752[2] duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, an 15mh baile as motha na dùthcha.[3] Thuit àireamh-shluaigh Voronezh fad na 90an, gu ruige 2009, mar a leanas:
1811 | 1840 | 1863 | 1897 | 1914 | 1926 |
---|---|---|---|---|---|
22 100 | 43 800 | 40 900 | 80 600 | 93 700 | 116 600 |
1939 | 1956 | 1959 | 1962 | 1967 | 1970 |
343 800 | 400 000 | 447 000 | 516 000 | 611 000 | 660 000 |
1973 | 1979 | 1989 | 1996 | 2002 | 2014 |
713 000 | 782 900 | 886 800 | 909 000 | 848 700 | 1 014 600 |
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Ivan Alekseyevich Bunin (1870 – 1953): Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1933.