Urras Leabhraichean na h-Alba

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Is e Urras Leabhraichean na h-Alba buidheann nàiseanta a tha suidhichte ann an Dùn Èideann 's a tha a' brosnachadh litreachas, leughadh is sgrìobhadh ann an Alba. Bho 2010, tha an t-urras a' dol an co-bhann ri Comhairle nan Leabhraichean gus Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra a thairgsinn gach bliadhna. 

Bun-fhiosrachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh an t-Urras a' cur £3 millean an seilbh gach bliadhna gus leughadairean is sgrìobhadairean an Alba a bhrosnachadh 's a mhisneachadh. Tha e a' maoineachadh còrr is 1,200 cuirm litreachais 's a' co-cheangal 50,000 leughadair ri sgrìobhadairean tro mhaoineachadh 'Litreachas Beò'. Tha a h-uile leanabh ann an Alba a' faighinn leabhar tron phrògram Bookstart. Bidh e a' cur air adhart 's a' cumail taic ri còrr is 400 sgrìobhadair is dealbhadair Albannach, agus a' ruith nan duaisean as motha san RA sa bheil còrr is 30,000 sgoilear a' gabhail beachd air leabhraichean cloinne. Tha e cuideachd a' leasachadh ghoireasan mar thaic do thidsearan is leabharlannaichean ann a bhith a' toirt piseach air litearrachd.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]