Ur-dhubhadh
'S e caochladh fuaime a tha san ur-dhubhadh a gheibhear anns na cànain Ghàidhealach, Gàidhlig na h-Èireann (far an canar úrú ris), Gàidhlig agus gu ìre, sa Mhanannais. Thig guthachadh agus, gu tric, srònachadh air consan 'na chois, mar eisimpleir ceann → ar gceann "ar ceann" sa Ghaeilge.
Dh'èirich an t-ur-dhubhadh gu eachdraidheil an cois consan srònach (gu h-àirid -n deireannach) a bha air beulaibh consan bacaidh, m.e. an + c, g, d, t, b, p, f.
An dà sheòrsa
[deasaich | deasaich an tùs]Tha dà sheòrsa dheth ann, ur-dhubhadh eachdraidheil agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil. 'S e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha sa Ghaeilge agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil a tha ann sa Ghàidhlig.
'S ciall dha sin gun tachair an t-ur-dhubhadh sa Ghaeilge fiù mur eil an consan srònach ri chluinntinn tuilleadh:
ceann → ar gceann "ar ceann" teanga → seacht dteanga "seachd teangannan"
Ach ann an Gàidhlig, chan fhaighear e ach ma tha an consan srònach ann e fhèin:
ceann → ar ceann teanga → seachd teangannan
ach
cù → an cù /əŋˈgʱuː/ teanga → an teanga /əɲˈdʲʱɛŋgə/
Atharrachadh nam fuaimean
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha an dearbh fhreumh aig an ur-dhubhadh anns an trì cànan, chan eil e ag obair air an dearbh dhòigh gu buileach.
Gaeilge
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann mar seo a dh'atharraicheas na fuaimean sa Ghaeilge:[1]
1. Tha consan casgaidh agus /fˠ, fʲ/ a' dol 'nan consain ghuthach:
Bun-fhuaim | Fo ur-dhubhadh | Eisimpleirean |
---|---|---|
/pˠ/ → | /bˠ/ | pa /pˠaː/ → ar bpá /əɾ bˠaː/ |
/pʲ/ → | /bʲ/ | peann /pʲaːn̪ˠ/ → ar bpeann /əɾ bʲaːn̪ˠ/ |
/t̪ˠ/ → | /d̪ˠ/ | tús /t̪ˠuːs̪/ → ar dtús /əɾ d̪ˠuːs̪/ |
/tʲ/ → | /dʲ/ | teanga /tʲaŋʲə/ → ar dteanga /əɾ dʲaŋʲə/ |
/k/ → | /ɡ/ | cú /ku/ → ar gcú /əɾ guː/ |
/c/ → | /ɟ/ | ceann /caːn̪ˠ/ → ar gceann /əɾ ɟaːn̪ˠ/ |
/fˠ/ → | /w/ | fáth /fˠaː/ → ar bhfáth /əɾ vˠaː/ |
/fʲ/ → | /vʲ/ | freagra /fʲɾʲagˠɾˠə/ → ar bhfreagra /əɾ vʲɾʲagˠɾˠə/ |
2. Tha consan casgaidh guthach a' dol 'na chonsan srònach:
Bun-fhuaim | Fo ur-dhubhadh | Eisimpleirean |
---|---|---|
/bˠ/ → | /mˠ/ | |
/bʲ/ → | /mʲ/ | bean /bʲan̪ˠ/ → ar mbean /mʲan̪ˠ/ |
/d̪ˠ/ → | /n̪ˠ/ | droim /d̪ˠɾˠiːmʲ/ → ar ndroim /n̪ˠɾˠiːmʲ/ |
/dʲ/ → | /nʲ/ | |
/ɡ/ → | /ŋ/ | glúin /gˠɫ̪uːnʲ/ → nglúin /ŋɫ̪uːnʲ/ |
/ɟ/ → | /ɲ/ |
3. Tha an -n 'ga ghlèidheadh ro fhuaimreag:
Bun-fhuaim | Fo ur-dhubhadh | Eisimpleirean |
---|---|---|
/eː/ → | /nʲeː/ | éan /eːn̪ˠ/ → ar n-éan /nʲeːn̪ˠ/ |
/iː/ → | /n̪ˠi/ | oíche /iːhə/ → ar n-oíche /n̪ˠiːhə/ |
An litreachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Gaeilge
[deasaich | deasaich an tùs]A chionn 's gur e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha ann sa Ghaeilge, 's mar sin cha ghabh a thomhas, thèid a sgrìobhadh ann:
- peann → ar bpeann
- bean → ar mbean
- tigh → ar dtigh
- droim → ar ndroim
- ceann → ar gceann
- glúin → ar nglúin
- fuinneog → ar bhfuinneog
- éan → ar n-éan
Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]A chionn 's nach fhaighear e sa Ghàidhlig ach an cois an uilt agus grunn fhaclan sònraichte eile (an, nan, gun), cha dèid a sgrìobhadh ann agus cleachdaidh gach duine an t-ur-dhubhadh a-rèir a dhual-chainnt fhèin:
- peann → am peann
- bùth → am bùth
- taigh → an taigh
- druim → an druim
- ceann → an ceann
- glùn → an glùn
Tha glè bheag de dh'fhaclan ann far am faicear iarmaid an ur-dhubhaidh ann an àitichean far nach biodh dùil a-rèir riaghailtean a' chànain an-diugh. 'S e cruthan reòite a chanar ris a leithid seo de dh'fhacal. Mar eisimpleir, tha an cruth a bheil a' tighinn on ghnìomhair fuil (cf. Gaeilge an bhfuil) gu eachdraidheil, le ur-dhubhadh an f → bh.
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ó Siadhàil, M., Wigger, A. Córas Fuaimeanna na Gaeilge (1975, air ath chlò-bhualadh 1983) Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath