Uitenhage
| Uitenhage | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | EMpuma Koloni |
| Sgìre | Nelson Mandelabaai |
| Co-chomharran | 33° 46′ 00″ Deas 25° 24′ 00″ Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 75.35 km² |
| Àireamh-shluaigh | 103,639 (2011) |
| Dlùths | 1,375.43/km² |
| Àireamh fòn | 041 |
‘S e baile meadhanach faisg air Port Elizabeth, ann an ceann a deas Afraga a Deas a th’ ann an Uitenhage (IPA: œjtənˈɦɑːxə). The suidhichte aig 89m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a deas na roinne Rubha an Ear (Xhosa: EMpuma Koloni), anns an sgìre Nelson Mandelabaai, eadar Kirkwood agus Motherwell, ri inbhir na h-aibhe Swarkopts. Tha e 520km air falbh bho Bhloemfontein, 645km bho iKapa, 880km bho Johannesburg agus 936km bho Phretoria, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 103,639 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Afrikaans a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Uitenhage. Chaidh Uitenhage a stèidheachaidh ann an 1804, leis a' Bhreitheamh Jacob Glen Cuyler.[4] Tha taigh-gnìomhachais nan Carbadan Volkswagen an seo.[5]