Jump to content

Uicipeid:Tùsan agus Iomraidhean

O Uicipeid

Tha an duilleag seo a' mìneachadh nam poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh tùsan agus iomraidhean air Uicipeid na Gàidhlig.

Feuch is na atharraich am poileasaidh gun deasbad air duilleag na deasbaireachd.

Seula nam poileasaidh Poileasaidh air Tùsan agus Iomraidhean

Geàrr-iomradh: feumar iomradh gu tùs earbsach a ghabhas dearbhadh a bhith anns na h-aistean.

Chan amais Uicipeid air ‘an fhìrinn’ fhoillseachadh ach ‘na rudan a ghabhas dearbhadh’. Nithear seo le bhith cur iomraidhean stèidhichte air tùsan earbsach anns na h-aistean.

Dè th’ ann an iomradh?

‘S e th’ ann an ‘iomradh’ ach an rud a tha ag innse dhut dè am fianais a th’ air cùl gach pìos fiosrachaidh ann an aiste. Innsidh e dhut cò an tus às an tàinig am fiosrachadh agus càite am faighear an tùs.

Nochdaidh iad anns na h-aistean mar àireamhan beaga (mar seo[1]) a bhios gad thoirt gu ceangal aig bonn na duilleig. Tha e cudromach gum bi iomraidhean anns na h-aistean a dhearbhas am fiosrachadh annta. Le iomraidhean sna h-aistean, fàsaidh Uicipeid nas fheàrr agus nas earbsaiche.

Dè th’ ann an tùs earbsach?

‘S e th’ ann an tùs ach leabhar, iris sgoilearach, làrach-lìn no àite eile far am faighear fiosrachadh. Mar as trice, tha tùs earbsach ma tha e foillsichte le daoine no buidheann aig a bheil deagh chliù airson obair cheart, sgoilearach no ùghdarrasail.

Eisimpleirean:

✔ eòlaichean leithid Ruaraidh MacThòmais

oilthighean

✔ buidhnean oifigeil leithid [NàdarAlba]], Ainmean-àite na h-Alba

Mar as trice, 's fheàrr le Uicipeid tùsan secondary air sàilleabh is gun do rinn cuideigin sgrùdadh no breithneachadh air an fhiosrachaidh ro làimh. A dh’aindeoin sin, mura h-eil tùs secondary ri lorg, faodar tùsan primary a chleachdadh. Tha siud nas fhearr na aiste gun tùs idir.

Dè nach eil earbsach?

Chan eil a h-uile rud a tha foillsichte air loidhne no ann an leabhar earbsach. Chan e tùsan earbsach a th' anns na rudan a leanas

  • Blogaichean
  • Liostachan no làraich air-loidhne gun ainm an ùghdair, gun tùsan aige fhèin.
  • na tha caraid agad ag ràdh (fiù’s ma tha iad ceart – cha tèid a dhearbhadh le leughadair eile)

Am feumar tùs Gàidhlig a chleachdadh?

Chan fheum a h-uile tùs a bhith sa Ghàidhlig. Mur h-eil tùs sa Ghàidhlig, no mura h-eil tùs Gàidhlig ann a tha earbsach, cleachd tùs sa Bheurla no cànan iomchaidh eile. B’ fheàrr le Uicipeid tùsan earbsach Gàidhlig a chleachdadh ged-tà air sàilleabh gu bheil e a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a' taisbeanadh nan goireasan agus sgrìobhaidhean a tha ri fhaighinn ann an Gàidhlig.

Cruth nan iomraidhean

Thathas a' moladh iomraidhean a dhèanamh le

1) An Deasaiche Lèirsinneach. Mas chleachdas tu an deasaiche lèirsinneach, cuirear cruth air na h-iomraidhean gu fèin-obrachail.

2) Teamplaidean nan iomraidhean a leanas:

Mura bi thu a' cleachdach teamplaid, feuch an cleachd tu Gàidhlig anns na h-iomraidhean airson na rudan a leanas:

  • ed. by - deas. le
  • accessed - leughte / air a tharraing
  • pp. - d. / td.

Gus an lorg leughadair eile an leabhar no tùs, na atharraich cànan an tùs no ainm an ùghdar m.e.

  • Cleachd 'Oxford University Press' chan e 'Press Oilthigh Ath nan Dàmh'.
  • Na eadar-theangaich tiotal m.e. Herder's "Ursprung der Sprache" , chan e ‘Freumh Cainnte aig Herder’. (faic am poileasaidh air Ainmean Leabhraichean).

Dè an diofar eadar tùsan agus ‘ceanglaichean a-mach’?

Aig bonn gach duilleig, bu chòir liosta den iomraidhean a bhith ann. Cuideachd, faodar liosta a chur ann air na tùsan a bharrachd a chaidh a chleachdadh san fharsaingeachd airson an aiste a sgrìobhadh.

Tha ceanglaichean a-mach a' stiùireadh an leughadair gu àiteachan eile far am faighear barrachd fiosrachaidh air loidhne.

Faic cuideachd:

Ciamar a chuireas mi iomradh a-steach?

Iomraidhean

[deasaich an tùs]
  1. Eisimpleir, M. 2000. Tiotal (Foillsichear), d.1