Uicipeid:Pròiseact nan Oileanach
2012
[deasaich an tùs]Bha pròiseact airson oileanach a' ruith ann an 2012 ann an Sabhal Mòr Ostaig.
Bha sinn an dòchas luchd-sgrìobhaidh a bharrachd a chruthachadh don Uicipeid, cothrom a thoirt do na h-oileanaich rud feumail a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus cothrom a thoirt dhaibh na seann aistean a sgrìobh iad don Cholaiste a "ath-chuairteachadh" gus duilleagan ùra a thòiseachadh air an Uicipeid.
Seo liosta de na h-oileanach a bha an sàs anns a' phròiseact seo:
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo: Coimpiutaireachd airson na Gàidhlig
--Caoimhin (talk) 15:59, 11 dhen Dàmhair 2012 (UTC)
--Sionnach (talk) 16:01, 11 dhen Dàmhair 2012 (UTC)
2013
[deasaich an tùs]Aig deireadh 2013 thòisich Caoimhin air bùthan-obrach seachdaineil a dhèanamh anns a' Cholaiste le cuideachadh bho Shionnach via Skype.
2014
[deasaich an tùs]San Fhaoilleach 2014 bha bùth-obrach ann ann am Bonn, a' Ghearmailt. Mòran taing airson an taic-airgid a fhuair sinn bho Wikimedia Deutschland gus am bùth-obrach a chur air bhonn.
Rinn sinn bùth-obrach eile san 29mh an Cèitean 2014. Mòran taing airson an taic-airgid a fhuair sinn bho Wikimedia UK gus am bùth-obrach a chur air bhonn.
Bhiodh e math nam biodh daoine eile a' toirt taic agus misneachd do na cleachdaichean ùra.
2015
[deasaich an tùs]Bùth-obrach sa Ghiblean 2015 le Caoimhin agus Sionnach.
2016
[deasaich an tùs]Feasgar làn fiosrachaidh mu Uicipeid sa Ghiblean le Caoimhin agus Sionnach. Thàinig còignear agus dithis an dèidh làimh.