UNISON
Coltas
UNISON | |
1993 | |
Fiosrachadh | |
Buill | 1210250 |
Cleamhnachadh | STUC, TUC, ICTU, ETUC, ITUC/PSI, Am Pàrtaidh Làbarach |
Daoine | Christina McAnea, Libby Nolan |
Oifisean | 130 Euston Road, Lunnainn, NW1 2AY |
Dùthaich | Alba agus Sasainn |
Làrach-lìn | www.unison.org.uk |
'S e aonadh-ciùird a tha ag obair às leth luchd-obrach na roinne poblaich air feadh na dùthcha a th' ann an UNISON (ainm fada: UNISON — the Public Service Union, Gàidhlig: UNISON – Aonadh-ciùird na Roinne Poblaich). Chaidh a chruthachadh ann an Lunnainn ann an 1993 nuair a thàinig COHSE, NUPE agus NALGO ri chèile[1]. Le 1,210,250 buill[2] (2022), 's e UNISON an t-aonadh-ciùird as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, còmhla ri UNITE. Bidh UNISON a' gabhail pàirt ann an co-bharganachadh phàigh aig ìre nàiseanta agus ionadail, gu sònraichte ann an riaghaltas ionadail, foghlam agus cùram-slàinte.
Àrd-rùnairean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1996 - 2001: Rodney Bickerstaffe
- 2001: Dave Prentis
- 2021: Christina McAnea