Jump to content

Co-bharganachadh

O Uicipeid

'S e pròiseas rèiteachaidh eadar buidhnean luchd-obrach agus luchd-fastaidh a th' ann an Co-bharganachadh.[1] 'S e gu bheil co-bharganachadh ag amas air còrdaidhean a dhèanamh a thaobh thuarastail, cumhaichean obrach, sochairean, agus dòighean eile a tha ceangailte ri airgead-dìolaidh do luchd-obrach agus an cuid chòraichean. Bidh riochdairean aonaidhean-ciùird a' togail guth nan luchd-obrach dham buineadh iad. Mar as àbhaist cuiridh na co-aontachaidhean a rèiticheas na aonaidhean-ciùird as leth am buill air bhonn rudan mar sgàlaichean thuarastail, uairean-obrach, trèanadh, slàinte is sàbhailteachd, seach-thìm is modhan chùisean-gearain, a bharrachd air còraichean pàirt a ghabhail ann an gnothaichean na companaidh.[2]

'S urrainn do dh' aonaidhean-ciùird rèiteachadh le aon neach-fastaidh (mar as àbhaist a' riochdachadh luchd-earrann na companaidh) air neo buidheann de luchd-fastaidh a rèir na dùthcha, gus co-aontachaidhean airson a' ghnìomhachais air fad a dhèanamh. Bidh co-chòrdadh ag obrachadh mar chumhnant obrach eadar luchd-fastaidh agus na h-aonaidhean-ciùird. Ann an co-bharganachadh bidh pròiseas rèiteachaidh ann eadar riochdairean nan aonaidhean-ciùird agus riochdairean nan luchd-fastaidh (mar as àbhaist air a riochdachadh le sgioba-stiùiridh na companaidh, no, ann an corra dhùthaich mar An Ostair, An t-Suain agus Na Tìrean Ìsle, air a riochdachadh le comann luchd-fastaidh) a thaobh chumhaichean obrach nan daoine, mar thuarastail, uairean-obrach, cumhaichean obrach is modhan chùisean-gearain, a thuilleadh air còraichean agus aonaidhean-ciùird. ‘S e Còrdadh co-bharganachaidh a chanar ris.

Chaidh am facal co-bharganachadh air a chleachdadh airson a' chiad turais ann an 1891 le Beatrice Webb, a bha an sàs anns na h-aonaidhean-ciùird.[3] Thoisich co-bharganachadh nàiseanta ann an siostam foghlam na h-Alba ann an 1939. A-nis thathar ga dhèanamh tron chomataidh SNCT (Comataidh Rèiteachadh na h-Alba do Luchd-teagaisg).[4] 'S e deagh eisimpleir iomairteachd a th' ann cuideachd.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ACAS
  2. BLS
  3. Donaghey, Dundon, Freeman, Wilkinson, Handbook of Research on Employee Voice, Edward Elgar Publishing, Cheltenham, 2017
  4. EIS