Tryleg

O Uicipeid
Tryleg
Suidheachadh
Dùthaich A' Chuimrigh
Ceàrn Sir Fynwy
Co-chomharran 51° 44’ 43 Tuath
02° 43′ 24 Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,428 (2001)
Àireamh fòn 01600

‘S e clachan ann an ceann a deas Chuimrigh a th’ ann an Tryleg (Beurla: Trelech, Treleck neo Trelleck). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Trì Sglèatan bho dhà fhacal anns a’ Chuimris: tri agus llech (sglèat). Chaidh am baile a stèidheachadh anns na meadhan aoisean, nuair a bha e na bu mhotha na Chepstow. Tha e suidhichte anns an t-siorramachd (Cuimris: Sir) Fynwy, eadar Llanisien agus Trefynwy, ri taobh na coilltean ris an canar Dyffryn Gwy, air àirde an ear na siorramachd ri taobh na crìochan le Sasainn. Tha am baile fhèin aig 158m os cionn ìre na mara[1] aig astar dhe 85km bho Abertawe agus 43km bho Chaerdyff, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 2,428 daoine a’ fuireach anns an sgìre.[3]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Meteo Consult
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh Chuimrigh

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]