Jump to content

Trujillo (An Spàinn)

O Uicipeid
Trujillo
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cáceres
Sgìre Extremadura
Co-chomharran 39° 27' 55 Tuath
05° 52' 44 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 649.53 km²
Àireamh-shluaigh 8,912 (2020)
Dlùths 13.72/km²
Àireamh fòn + 00 927
Duilleag oifigeil http://www.trujillo.es/

'S e baile meadhanach faisg air Cáceres, air an àirde an iar na Spàinne, suidhichte aig 564m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Trujillo. Tha am baile rim faotainn ri taobh Loch-tasgaidh San Lázaro. 'S ann ann an roinn Cáceres, ann an Extremadura a tha e. Tha 8,912 duine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1] 'S ann crochte 's air turasachd agus àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à Turaca, baile a bh'ann an seo ro àm nan Ròmanach 's a th'ann Trujillo.[2] Dh' èabhlaidich an t-ainm fad nan linntean bho TuracaTurgaliumTorgielaTroxielloTrugillo Trujillo. Thug na Arabaich buaidl làidir air èabhlaideadh an ainm.

'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Trujillo, mar bhaile nan ceannsaichean, agus b' e iad seo a chaith an cuid airgid air a' bhaile. Bha e na phàirt Impireachd nan Almohadach fad linntean.

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Trujillo. Bha 14,587 duine a' fuireach ann ann an 1950.

Bliadhna 1857 1900 1950 2000 2017
Muinntir 7.858 12.512 14.587 8.713 9.274[3]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. La Opinión
  3. Trujillo – Àireamh-sluaigh

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]