Jump to content

Gaspar de Rodas

O Uicipeid
Gaspar de Rodas
Beatha
Breith Trujillo (An Spàinn), 1520
Dùthaich  An Spàinn
Bàs Santa Fe de Antioquia, 9 dhen Iuchar 1606
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche

'S e a' chiad riaghladair air na tìrean far a bheil Antioquia, Caldas, Quindío agus Risaralda an latha an-diugh a bh' ann Gaspar de Rodas (1518-1607). Tha an ceannsaiche sin bho Extremadura buileach nas cudromaiche airson eachdraidh na h-Antioquia, gu h-àraidh anns na sgìrean ann an àirde an iar agus mu thuatha, na a thathar ag ràdh mar as tric.

Rugadh Gaspar de Rodas ann an Trujillo (Castilla) anns an (Roinn Cáceres), ann An Spàinn, ann 1518, mac Florencio de Rodas agus Guiomar Coello. Chaochail e ann an 1607 ann an Santa Fe de Antioquia, prìomh-bhaile Antioquia aig an àm, nuair a bha e na riaghladair.

Thàinig e Aimearaga a Deas ann an 1539 le turas-armachd fo Phascual de Andagoya, riaghladair San Juan, dha na tìrean far a bheil Coloimbia an latha an-diugh, far a chuir e seachad mòr-chuid a bheatha, gu h-àraidh ann an Antioquia, mar Leas-Riaghladair, Riaghladair Sgìreil agus mu dheireadh thall mar Riaghladair Roinn na h-Antioquia, gus a bhàsaich e ann an julio 1607.

Ruig e Quito ann an 1540 , agus an ceann greiseag an siud, chaidh e gu Popayán ann an 1541 còmhla ri Sebastián de Belalcázar airson àite stèidheachaidh Santa Fe de Antioquia a ghluasad; obair nach do rinn e idir, air sgàth gun do chuir feachdan Riaghladair Cartagena de Indias an greim e, is ghoid iad e air falbh na phrìosanach, dìreach aig toiseach toiseachaidh na h-obrach aige.

Gu fortanach, nuair a bha e na phrìosanach ann an Cartagena, choinnich Rodas am Marasgall Jorge Robledo is shaoraich esan Rodas agus thug e Santa Fe de Antioquia air ais dhasan mu dheireadh thall. Cha do rinn e mòran an siud fad corra bhliadhna is e ag obair air gnothaichean oifigeil agus a' cur tuineachaidhean ùra air dòigh gu ruige 1546, nuair a chaidh Jorge Robledo a chur gu bàs.

Aig an àm sin, chaidh Gaspar de Rodas a dh'ainmeachadh Riaghladair na h-Antioquía. Ann an 1574 dh'iarr Gaspar de Rodas bho Cabildo de Antioquia, neo Comhairle na h-Antioquia, ceithir mìle ceàrnagach fhearainn fhaighinn airson treudan agus tuathanas a stèidheachadh anns a' ghleann far a bheil Medellín an latha an-diugh. Thug a' Chomhairle trì mìle ceàrnagach dhe fearann dhasan.

Dh'eug e gu sìtheil ann an Santa Fe de Antioquia, ann an 1607, is e a' sgaoileadh sgeulachdan a bheatha.