Jump to content

Tristan da Cunha

O Uicipeid
Far a bheil Tristan da Cuhna suidhichte

'S e eilean beag bholcanach sa Chuan Siar a Deas a th' ann an Tristan da Cunha.  A bharrachd air Tristan da Cuhna fhèin, tha trì eileanan eile anns a' bhuidhinn: Nightingale Island, Inaccessible Island agus Gough Island. Tha Tristan da Cuhna na phàirt den Ranntair Thar Lear Bhreatainn Eilean Naomh Eilidh, Eilean na Deasgabhalach is Tristan da Cunha. Bha 262 duine a' fuireach san eilean sa bhliadhna 2017.[1]

Dùn Èideann nan Seachd Cuantan, prìomh bhaile Thristan da Cuhna

Tha Tristan da Chunha suidhichte 2,816 cilemeatair a-mach bho chosta Afraga agus 3,360 cileamtair bho chosta Aimerieaga a Deas. 'S e meud an eilein 88 cileameatair ceàrnagach. 

Chaidh na h-eileanan a lorg an toiseach le Tristão da Cunha, seòladair às a' Phortagail ann an 1506. Tha sluagh maireannach air a bhith a' fuireach air an eilean bho thràth san 19mh linn agus chaidh an t-eilean a ghabhail thairis le Breatainn anns a' bhliadhna 1816 nuair a chaidh gearastan Breatannach a chur air an eilean às dèidh do Napoleon Bonaparte a bhith air a chur air fògradh ann an Eilean Naoimh Eilidh.

'S e Dùn Èideann nan Seachd Cuantan (Beurla: Edinburgh of the Seven Seas), an t-aon bhaile air Tristan, suidhichte air costa iar-thuath an eilein. Thathar ag ràdh gur e Tristsan an t-àite as iomallaiche san t-saoghal far a bheil daoine a' fuireach. 

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Tristan da Cunha Family News”.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]