Tractar-àiteachais

O Uicipeid

Tha an alt seo mu dheidhinn tractaran sònraichte ri àiteachais. Airson fios air tractaran de h-uile seòrsa cuir suil air tractar.

Is e a tha ann an tractar-àiteachais, nòs tractair sònraichte ri obair-fhearainn agus tarruinn innlean àiteachais, bu sònraichte cruinn-treabhaidh, cliathan, lunnan, drìlean-sile, agus trèilearan. Tha da phriomh seòrsa tractar-àiteachais: Tractaran da-chuibhleachd agus Tractaran Ceithir-cuibhleachd.

Tractaran Da-Chuibhleachd[deasaich | deasaich an tùs]

Samhail Bungartz U1D de 1952: Tractar Da-chuibhleachd le crann-treabhaidh teannaichte aig cois.

Mar is tric goirear Tractaran-choisich, air tractaran den leithid seo. Chan eil ach da chuibhle aca, agus inneal-pheatroil de cumhachd eadar 1kW agus 10kW. Tha iad uidheamaichte le Fuaidean (corragan), coltach ri na fuaidean air crann-eiche gus am bi aig an t-iomanach a choisich às an dèidh. Bhiodh na h-innealan a tharuing iad dluth-cheangailte ri culaibh an aisil. Tha tractaran- den seorsa seo freagarrach ri lotan beaga agus tha muilnean dhiubh air an cleachdadh air tuathanasan beag ann an Aisia. Bha iad cumanta air tuathanasan-beaga agus croitean air feadh Breatuinn rè na 1950an, agus tha iad fhadhast ri lorg ann an gairnealachd-mhargaideachd, far a bheil an meud beag aca freagarrach ri na h-iomairean agus far a bheil cumhachd gu leor aca airson an obair a tha dith.

A measg na h-ainmean bu cumanta ann am Breatuinn 's na 1950an, bha an "Iron Horse" agus "British Anzanai", bha cumhachd aig na h-innlean seo eadar 5 agus 10 hp agus bha cruinne treabhaidh sonraichte dhaibh, a thionndadh foid co-mòr ris an fhoid a thionndadh crann eich (mu deidhinn 175mm anns an domhainnead agus 250mm 'san leathad)comhla le innlean coltach ris an rota-tobha Howaird, sreath de tractaran sios ri 1kW, a bha uidheamaichte le fearsaid cumhachd a-mach a chuireadh cumhachd ri gàd-chorragach agus innlean eile air barrachd an rota-tobha fhein.

Tractaran Ceithir-cuibhleachd[deasaich | deasaich an tùs]

1955 Ferguson TEF

Is e an tractar ceithir-cuibhleachd an tractar-àiteachais bu chumanta, tha na tractaran seo torr nas cumhachd-mhòr na tractaran da-chuibhleachd, agus na modailean bu shine agus bu lugha, mar eisimplir am Fergie Glàs a chaidh air togail eadar 1938 agus 1956 a libhrig cumhachd 20 eich (mu 15kW). B'e am Fergie a'chiad tractar a bha uidheamaichte le Altachadh tri-phuing An Fheargusdanach, a thug comas do iomanach an tractair a thogail is cuir sios innlean ceangailte ris an tractar agus a riaghaladh an domhainnead air am biodh innlean glac-thalmhuinn (m.e. crann-treabhaidh) ag obair. Anns an latha an diugh is e Caighdeann Eadar-Naiseanta Inbhe 1[1] a tha ann an bonn-uidheam Fheargusdanach.

Eachdraidh Tractairean[deasaich | deasaich an tùs]

Taisbeanadh Treabhaidh: "Ivel Agricultural Motor" a'taruinn Crann-eich, Sasann, 1905
  • Chaidh leasachadh air tractaran-àiteachais bho coinceap innlean-treabhaidh.
  • Bha na chiad tractairean iomainichte le stòth
  • Chuireadh na chiad tractaran an gniomh ann an Meiriceidh mu deireadh an 19mh linn
  • B'è an "Ivel Agricultural Motor" de 1902, dealbhaichte le Dòmhnull Albone a'chiad tractair-àiteachais
  • Chaidh dealbhachadh air an cruth "clasaigeachd" de tractar, 2 chuibhle iomain mòr aig an cul, 2 chuibhle steornaidh beag aig an toiseach, stoc an tractar na slige don caradair agus bucais-bheirt, ann an 1917
  • B'e carbadan-slaodaidh a-mhain a bha 's na tractaran bu thrath, agus bha an uidheam-aiteachais dealbhaichte dhaibh air an tarruinn as an deidh, mar a bhiodh acfhainn-eich.
  • nochd am fearsaid "cumhachd a-mach" air modail? cuine?
  • Chaidh innleachdadh air Altachadh Tri-phuing An Fheargusdeanach, le Ultach, Harry Feargusdean ann an 1937, iomanaichte le uidheam-uisgead.
  • Tha Altachadh an Fhergusdaineach air an cleachdadh air tractaran beag is mòr (ach airson tractaran da chuibhleachd) air feadh an t-saoghail chun latha an diugh

Eachdraidh Togalaiche Tractairean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. International Standard Category 1