Deasbaireachd:Tractar-àiteachais

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Bhiodh dealbhan a tha soillseachadh an sgriobhadh feumail- m.e. Fergie Glás, British Anzani (le crann treabhaidh) Howard Bullfinch & gàd corragach. Ma gheibheas mi an cothrom 's urrainn dhomh a libhrig dealbhan freagarrach às a'chroit agam fhein airson am Fergie agus an Howard, ach chan urrainn dhomh sin a dheanamh an drasda agus chan eil mi airson caitheamh uine air ma bhitheas cuideigin ag iarriadh a chuir rudeigin eile na h-aite gu luath. Tha sinn uile ag iarraidh leasachadh air an Uicipeid ach nuair a bhitheas cuideigin a'sgeadachadh aistean air cuisean teicnigeach le dealbhan nach freagair ri cnap na cuise (i.e. susbaint an aiste) cha lean leasachadh air an aiste ach cuirear stad air. Chan eil mi ag iarraidh a chuir bacadh air duine sam bith ach chan eil e furasda teacs tùsail sgriobhadh às Gaidhlig air cùisean den leithid. le gach meas oirbh uile Peadar

Taing mhòr airson an aiste seo a leudachadh. A thaobh dhealbhan: Bhiodh dealbh le tractar air croit gu math freagarrach airson Uicipeid na Gàidhlig. Ach is dòcha gu bheil aon de na dealbhan bho Commmons:Tractors in Scotland no bho Commons:Tractors ceart gu leòr cuideachd airson na h-aiste seo. Le deagh dhùrachdan --Sionnach (talk) 07:07, 5 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)[reply]