Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)
Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Rubha, 15 dhen Ògmhios 1904 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Lìonail, 14 dhen t-Sultain 1968 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
'S e bàrd Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas a bh' ann an Tormod MacLeòid (15 Ògmhios 1904 - 14 Sultain 1968),[1] agus 's e 'Am Bàrd Bochd' am far-ainm a bh' air.
A bharrachd air a bhith na bhàrd, 's e tidsear, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, agus fear-gleidhidh dualchais a bh' ann.
Eachdraidh a Bheatha
Rugadh Tormod Macleòid air 15 Ògmhios 1904 ann am Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas. Chanadh Tormod Chontair ris cuideachd.[1]
B' e athair Murchadh Macleòid à Pabail agus a mhàthair Seonag NicCoinnich. Bha ceathrar bhràithrean agus còignear pheathraichean aige.[1] Ann an 1932, phòs e Mòr Nicleòid à Ranais agus bha ceathrar duine cloinne aca; Dollag, Murdo John, Tormod agus Seòras.[1]
Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil na h-Àird, Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain.[1]
B' ann a' teagaisg a chuir e seachad a bheatha; bha e ag obair ann an grunnan sgoiltean ann an Leòdhas:[1]
- 1930-31 Grabhair (Na Lochan)
- 1935-35 Fidigearraidh (Na Lochan)
- 1935-43 Loch Croistean (Uig)
- 1943-52 An Cnoc (An Rubha)
- 1952-68 Àrd-sgoil Lìonail (Nis)
Bha Tormod os cionn roinn na Gàidhlig, agus na Iar-cheannard, ann an Sgoil Lìonail.
Bha e na shòisealach agus na bhall den Phàrtaidh Làbarach.
Chaochail e ann an Lìonail air 14mh Sultain 1968, an dèidh a bhith a' fulang le tinneas airson ùine mhòr. Chaidh a thiodhlacadh anns an Rubha.[1]
Obair le Gàidhlig
Nuair a bha e a' teagasg aig Sgoil Lìonail, stèidhich Tormod iris na sgoile, 'Tàintean', far an robh susbaint ga fhoillseachadh gu cunbhalach sa Ghàidhlig.[1]
Bhiodh Tormod ri cruinneachadh agus a' gleidheadh fhacail, beul-aithris, òrain agus bàrdachd.
Thairis air na bliadhnaichean, chaidh mòran de dh'obair Thormoid fhoillseachadh san iris Gairm. B' ann fon ainm Am Bàrd Bochd a bhiodh e a' sgrìobhadh. Chaidh cuid den chruinneachadh aige fhoillseachadh le Gairm san leabhar Bàrdachd à Leòdhas ann an 1969.
Òrain
- Air Sgiathan M' Inntinn (Loch Croistean) : Facail an òrain
- Òran an AI: Facail an òrain
Iomraidhean
- Eachdraidh-beatha Thormoid MhicLeòid air làrach Bliadhna nan Òran (BBC)
- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 1.7 Eachdraidh-beatha Thormoid MhicLeòid air làrach Bliadhna nan Òran (BBC) leughte 3 Sultain 2014
Ceanglaichean a-mach
- 'Dìleab a' Bhàird Bhochd' prògram BBC mun Bhàrd.