Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)
Beatha
Breith Rubha, 15 dhen Ògmhios 1904
Dùthaich  Alba
Bàs Lìonail, 14 dhen t-Sultain 1968
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

'S e bàrd Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas a bh' ann an Tormod MacLeòid (15 Ògmhios 1904 - 14 Sultain 1968),[1] agus 's e 'Am Bàrd Bochd' am far-ainm a bh' air.

A bharrachd air a bhith na bhàrd, 's e tidsear, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, agus fear-gleidhidh dualchais a bh' ann.

Eachdraidh a Bheatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Tormod Macleòid air 15 Ògmhios 1904 ann am Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas. Chanadh Tormod Chontair ris cuideachd.[1]

B' e athair Murchadh Macleòid à Pabail agus a mhàthair Seonag NicCoinnich. Bha ceathrar bhràithrean agus còignear pheathraichean aige.[1] Ann an 1932, phòs e Mòr Nicleòid à Ranais agus bha ceathrar duine cloinne aca; Dollag, Murdo John, Tormod agus Seòras.[1]

Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil na h-Àird, Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain.[1]

B' ann a' teagaisg a chuir e seachad a bheatha; bha e ag obair ann an grunnan sgoiltean ann an Leòdhas:[1]

Bha Tormod os cionn roinn na Gàidhlig, agus na Iar-cheannard, ann an Sgoil Lìonail.

Bha e na shòisealach agus na bhall den Phàrtaidh Làbarach.

Chaochail e ann an Lìonail air 14mh Sultain 1968, an dèidh a bhith a' fulang le tinneas airson ùine mhòr. Chaidh a thiodhlacadh anns an Rubha.[1]

Obair le Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bha e a' teagasg aig Sgoil Lìonail, stèidhich Tormod iris na sgoile, 'Tàintean', far an robh susbaint ga fhoillseachadh gu cunbhalach sa Ghàidhlig.[1]

Bhiodh Tormod ri cruinneachadh agus a' gleidheadh fhacail, beul-aithris, òrain agus bàrdachd.

Thairis air na bliadhnaichean, chaidh mòran de dh'obair Thormoid fhoillseachadh san iris Gairm. B' ann fon ainm Am Bàrd Bochd a bhiodh e a' sgrìobhadh. Chaidh cuid den chruinneachadh aige fhoillseachadh le Gairm san leabhar Bàrdachd à Leòdhas ann an 1969.

Òrain[deasaich | deasaich an tùs]


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 1.7 Eachdraidh-beatha Thormoid MhicLeòid air làrach Bliadhna nan Òran (BBC) leughte 3 Sultain 2014

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]