The Poozies

O Uicipeid

'S e còmhlan-ciùil a th' anns na Poozies.

Anns a' chòmhlan an-dràsta, is iad:

Roimhe seo, bha Jenny Gardiner, Patsy Seddon agus Kate Rusby anns a' chòmhlan.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig an còmhlan ri chèile ann an 1991.

Ann an 1990, bha Patsy Seddon agus Mary MacMaster (an còmhlan 'Sìleas') ag obair còmhla ris an seinneadair Sally Barker air a dàrna clàr. Dh'aontaich iad gum biodh e math còmhlan boireannaich a stèidheachadh. Thachair Barker an uair sin ri Karen Tweed, curaidh na h-Èireann air a' bhogsa-ciùil, agus chuir iad an còmlan ri chèile.

Rinn iad cuairt còmhla ris an fhìdhlear Jenny Gardiner an toiseach, ach dh'fhàg Gardiner an còmhlan mus do chlàr iad 'Chantoozies' ann an 1993. Airson greis, dh'fhàg Barker an còmhlan agus thàinig an seinneadair Sasannach Kate Rusby a-steach. Fhad's a dh'fhàs Rusby nas ainmeile mar sheinneadair i fhèin, ged-tà, bha e nas doirbhe dhi a bhith sa chòmhlan cuideachd agus dh'fhàg i.

Aig an àm sin, thòisich Eilidh Shaw, fìdhlear o taobh siar na Gàidhealtachd a' cluich sa chòmhlan. 'S e a' chiad chòmhlan anns an do chluich Shaw an Highfield Band, còmhlan dannsa Albannach, le a pàrantan. Thill Barker dhaibh an uair sin agus a-rithist bha còignear sa chòmhlan.

Aig deireadh 2007, dh'fhàg Karen Tweed agus thàinig Mairearad Green a-steach a bha uair a' cluich sa Unusual Suspects còmhla ri Shaw. Anns a' Ghiblean 2012, dh'fhalbh Seddon, a bh' ann o thus.[1]

The Voice[deasaich | deasaich an tùs]

Ghabh Sally Barker pàirt anns an fharpais seinn aig a' BhBC The Voice, ann an 2014. Ruig i na farpaisean deireannach. Tha i an uair sin air cuirmean-ciùil a dhèanamh far a bheil i a' toirt taic do Sir Tom Jones, an 'còidse' a bh' aice anns a' phrògram.[1]

Sting[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn Mary Macmaster obair còmhla ri Sting air a' chlàr If on a Winter's Night (2009). Chaidh i air cuairt còmhla ri Sting agus a chòmhlan san Roinn Eòrpa agus Ameirigea a Tuath agus nochd i air iomadh prògraman rèidio agus telebhisean.[1]

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

  • Chantoozies (1993) - Hypertension
  • Dancoozies (1995) - Hypertension
  • Come Raise Your Head (EP) (1997)
  • Infinite Blue (1998) - Compass Records
  • Raise Your Head: A Retrospective (2000) - Compass
  • Changed Days, Same Roots (2003) - Greentrax
  • Yellow Like Sunshine (2009) - Greentrax
  • Into the Well (2015)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 Làrach-lìn oifigeil Leughte 6 Cèit. 2015.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]