Jump to content

Terneuzen

O Uicipeid
Terneuzen
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Zeeland
Co-chomharran 51° 18' 00" Tuath
03° 50' 00" Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 251.40 km²
Àireamh-shluaigh 24,912 (2012)
Dlùths 99.09/km²
Àireamh fòn (+ 31) 0115
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil na Sgìreachd

‘S e baile agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Antwerpen, air an àirde an iar-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Terneuzen (Zeêuws: Neuzen). Tha e suidhichte ri beulaibh na h-Aibhne Westerschelde, 4m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Zeeland, 137km air falbh bho Amsterdam, 79km bho Rotterdam, 89km bho Den Haag, 91km bho Tilburg agus 123km bho Utrecht. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1325 mar Ter Nose agus an uair sin, ann an 1350, mar Ter Nessen. Tha an t-ainm a' ciallachadh An Rubha sa Ghàidhlig. Mar bu trice 's e Gent thall sa Bheilg a tha air buaidh a thoirt air Terneuzen fad na linntean. Tha 24,912 duine a' fuireach sa bhaile fhèin agus 54,705 san sgìreachd air fad.[2] Chaidh an sgìreachd a chruthachadh ann an 2003 tro aonadh Axel, Sas van Gent agus Terneuzen. A' bhliadhna sin fhèin dh'fhosgladh tunail an seo eadar Tìrean Ìsle agus A' Bheilg, air a bheil Westerscheldetunnel.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na roinne a th' ann an cuideachd.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Centraal Bureau voor de Statistiek
  3. Westerscheldetunnel
  4. Huffington Post

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]