Jump to content

Taigh-solais Orasaigh

O Uicipeid
Taigh-solais Orasaigh 2009

Co-chomharran: 57°08′36″N 5°46′52″W / 57.143436°N 5.781118°W / 57.143436; -5.781118. Suirbhidh Òrdnais: NG 71350 12183

Tha Taigh-solais Orasaigh suidhichte air Eilean Sionnach, eilean beag ri taobh Eilein Orasaigh, a tha e fhèin ri taobh coimhearsnachd Eilein Iarmain air taobh an iar na Linne Slèitich. Tha Eilean Sionnach co-cheangailte ri Eilean Orasaigh gach latha nuair a bhios an tràigh ann. Cuideachd, tha e comasach a bhith a coiseachd fad an t-slighe bho thìr mòr an Eilein Sgitheanaich dhan Taigh-solais nuair a bhios tràigh reothairt ann.

Tha an tùr geal 62 troigh (19m) a dhʼ àirde le balconaidh coirbealta. Tha dà thaigh cìobair faisg air. Bʼàbhaist do lios a bhith taobh riutha, le deagh fhasgadh bho na gàrraidhean mòra cloiche a bha ga chuairteachadh. Ged a tha na ballaichean sin fhathast nan seasamh, chan eil ach lusan fiadhaich a-staigh a-nis.

Ann an 1853, chaidh prìomhachas a thoirt dhan àite seo, còmhla ri seachd eile, mar àiteachan far an robh feum air taigh-solais. Bʼ e David Stevenson, bràthair-athar Robert Louis Stevenson a bha an sàs anns an gnothaich seo. Bha an teaghlach Stevenson gu lèir ainmeil an a bhith aʼ togail thaighean solais: Robert, seanair Robert Louis; Thomas, athair; agus David agus Alan, na bràthairean aig Thomas.

Air 10 an t-Samhain, 1857, lasadh solais Taigh-solais Orasaigh còmhla ri Rubha na Gall (Muile), Caol Acain agus Uisinis (Uibhist a Deas). Dhʼinnlich Thomas Stevenson acainn ùr teannachaidh solais a chaidh a chleachdadh sna h-àiteachan sin dhan chiad uair. Bha neart an t-solais ag atharradh a-rèir an astair air na taobhan diofraichte bhom faiceadh an solas. Bʼ e leasachadh a bha seo ann an sreath de leasachaidhean a thug e a-steach anns an t-siostam dioptric, far a bheil gathan gan cuir tro mheasgachadh de mheudaichearan. Chaidh cuid de na leasachaidhean sin a shealltainn anns an Fhèill-thaisbeanaidh Mòr ann an Lunnainn ann an 1851.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]