An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Stafainn"

O Uicipeid
Content deleted Content added
+ ceangal chun na h-aiste
bNo edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[Faidhle:Staffin-panorama 14-05-2010 15-08-39.jpg|thumb|right|450px|Stafain agus Lùb Stafain]]
[[Faidhle:Staffin-panorama 14-05-2010 15-08-39.jpg|thumb|right|450px|Stafain agus Lùb Stafain]]
Is e sgìre (reachdail) Eaglais na h-Alba agus sgìre croitearachd air taobh sear Trondarnais [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] a th' ann an '''Stafainn'''<ref>[http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=332 Ainmean Àite na h-Alba]</ref>. Tha an sgìre sinte fo charnaich [[A' Chuith-raing|Cuithe Fhraing]] bhon Leth Allt gu deas thairis gu Cille Moluaig air Tuath.
Is e sgìre (reachdail) [[Eaglais na h-Alba]] agus sgìre croitearachd air taobh sear Trondarnais [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] a th' ann an '''Stafainn'''<ref>[http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=332 Ainmean Àite na h-Alba]</ref>. Tha an sgìre sinte fo charnaich [[A' Chuith-raing|Cuithe Fhraing]] bhon Leth Allt gu deas thairis gu Cille Moluaig air Tuath.


Tha Stafainn a' gabhail a-steach grunnan bailtean croitearachd: a-nios bho deas: An Leth Allt, , Clachan, Digg, [[Flòdaigearraidh]] is Baile Mhic Chuinne.
Tha Stafainn a' gabhail a-steach grunnan bailtean croitearachd: a-nios bho deas: An Leth Allt, , Clachan, Digg, [[Flòdaigearraidh]] is Baile Mhic Chuinne.

Mùthadh on 12:09, 26 dhen Chèitean 2016

Stafain agus Lùb Stafain

Is e sgìre (reachdail) Eaglais na h-Alba agus sgìre croitearachd air taobh sear Trondarnais Eilean Sgitheanach a th' ann an Stafainn[1]. Tha an sgìre sinte fo charnaich Cuithe Fhraing bhon Leth Allt gu deas thairis gu Cille Moluaig air Tuath.

Tha Stafainn a' gabhail a-steach grunnan bailtean croitearachd: a-nios bho deas: An Leth Allt, , Clachan, Digg, Flòdaigearraidh is Baile Mhic Chuinne.

Tha An Clachan, far a bheil Eaglais na h-Alba agus Eaglais Shaor còmhla le bun-sgoil agus Ionad "Columba 1400" suidhichte aig 57° 37′ Tuath agus 6° 13′ Iar. Tha buth, talla, taighean beaga agus ionad pheatroil sinte a mach ri taobh an rathaid eadar Clachan agus Digg.

A-rèir staitistearachd ann an 2001, b'urrainn do 61% den t-sluagh Gàidhlig a bhruidhinn is a thuigsinn. [2] Ann an 2010 bha Gàidhlig aig 25 cloinne a-mach à 30 ann an Bun-sgoil Stafainn.[3]

Ann an 2010 bhuaileadh an tiotal "Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna" air le Comann na Gàidhlig. 'S e a’ chiad turas a bha an fharpais air a bhith ann. Fhuair a' choimhearsnachd a’ phrìomh dhuais de thrì mìle not (£3,000).[4]

Tha clachan Diùrasacha ann an Stafainn anns an fhuaireadh annta lorgan agus fosailean de chnàimhean dìneasair. ’Nam measg tha Dearcmhara, ichthyosaur a bha beò mu 170 millean bliadhna air ais. Dh’aithneachadh e mar gné ùr de dhìneasair ann an 2015 agus thugadh an t-ainm Gàidhlig “Dearcmhara” air.[5]

Urras an Taobh Sear

Chuireadh Urras an Taobh Sear an cois ann an 1994 air sgàth 's gun robh dragh air daoine leis mar a bha àireamh-sluaigh na sgìre a' crìonadh.[6]

Iomraidhean

  1. Ainmean Àite na h-Alba
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2004) 1901-2001 Gaelic in the Census (PowerPoint) Linguae Celticae. A tarraing air: 22 an t-Sultain 2010
  3. Ross, John (18 an t-Sultain 2010) "Second school set to replace English with Gaelic as classroom language". Dùn Èideann: The Scotsman. A' tarraing air 22 an t-Sultain 2010.
  4. Stornoway Gazette: Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna Sgrìobhte 1d Sultain 2010. A' tarraing air 10 Samhain 2014
  5. BBC Naidheachdan 2015-01-12: Ainm Gàidhlig air dìneasair ùr (air a tharraing 2015-01-20)
  6. Eachdraidh an Urrais aig Làrach-lìn an Urrais

Ceanglaichean a-mach