An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Iarann"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: hif:Loha; cosmetic changes
b r2.7.1) (robot Modifying: zh-min-nan:Thih
Loidhne 164: Loidhne 164:
[[za:Diet]]
[[za:Diet]]
[[zh:铁]]
[[zh:铁]]
[[zh-min-nan:Fe (goân-sò͘)]]
[[zh-min-nan:Thih]]
[[zh-yue:鐵]]
[[zh-yue:鐵]]

Mùthadh on 10:19, 15 dhen Mhàrt 2011

Iarann

Is e meatailt a tha ann an Iarann. Comharra, Fe (Laideann: ferrum).

  • Feartan Ceimigeachd: Àireamh dadmannachd 26, Cuideam dadmannachd 55.8, Balantas 3.
  • Feartan Fisiceachd: Co-dluthas 7.9, Dath Argaid, Iuil-tarrainneachd, Puing Leaghaidh 1505 ceum Celcius.

Nuair a rachas fuarachadh malla air iarainn leaghta, fuasglar teas aig teasadan de 1400 °C, 900 °C agus 760 °C. Measar gun caochal eagar nan dudaman aig na puingean seo, mar sin theirear gu bheil 4 cruthan alatropachd de iarrainn. Mairidh alfa-iarainn fo 760 °C, ß-iarainn eadar 760 is 900 °C , gama-iarrainn eadar 900 is 1400 °C agus ð-iarainn eadar 1400 is 1505 °C.

Tha Cairbíd-Iarainn (Fe2C3) so-leaghta an gama-iarrainn ach cha teid a leaghadh anns na h-inbhean eile.

Theid ath-criostalas iomlan air iarann aig 900 °C.

Nochdaidh am feart-iùil aig 760° (an fuarachadh), is theid e à bhi nuair a teasachar iarunn tro am puing sin.

Leaghar iarann, ann an furnais-seidste, a mach a cloich-iùil, le bhi ga losgadh comhla le clach-aoill agus gualan. An luib seo bithidh cuid gualan comh-mheasgta leis an iarann ùr. Nuair a bhitheas an iarann aig inbhe-gama, comh-mheasg an carbon seo le cuid de'n iarann a chruthaich Fe2C3.

Do bhrigh nach eil moran Fe2C3 so-leaghta an iarann ach aig inbhe-gama, bithidh bleideagan ghualain a' cruthachadh ann an meanbh-sructur an iarainn an uair a theid a fhuaradh tro 900 °C.

An luib na bleideagan gualain seo, is stugh so-bhriste a tha ann an iarunn-tilgte, ged a bhitheas am beagan carbadan-iarainn a tha air fagail eadar na criostalan iarainn ri ragachadh a mheanbh-sructar agus aobharachadh feart cruadhaid dha.

Teamplaid:Link FA