Sumy (Sumska Oblast)
Sumy Суми
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Sumska Oblast | ||||
Co-chomharran | 50° 55 00' Tuath 34° 45 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 145 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 259,660 (2021) | ||||
Dlùths | 1,790.76/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 542 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr suidhichte eadar Chernihiv agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann an Sumy (Ucràinis: Суми, IPA: ˈsumɪ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Psel, san roinn Sumska Oblast. Tha 259,660 duine a' fuireach ann. Chan eil na crìochan leis An Ruis ach 50km air falbh on bhaile.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1652 air neo 1655 le Herasym Kondratyev agus bhuinneadh e dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Ann an 1991, thàinig Sumy gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Anns na ciad làithean dhen ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, chunnaic am baile sabaid mhòr eadar luchd-ionnsaigh Ruiseanach agus luchd-dìon na h-Ucràine, agus am baile air a chuairteachadh le saighdearan Ruiseanach. Air 9 am Màrt 2022, dh’ fhàg 44,000 neach Sumy ann an 10,000 càr prìobhaideach agus 85 busaichean. Tràth sa Ghiblean 2022, thàinig am baile-mòr agus an sgìre mun cuairt fo smachd Arm na h-Ucràine a-rithist às deidh do fheachdan na Ruise am baile fhàgail.[1]
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Sumy a' bruidhinn (77.29%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (20.35%).[2]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Mykola Hrunskiy (1872 - 1951): Cànanaiche.
- Karl Burman (1882 - 1965): Ailtire.
- Katerina Peshkova (1887 - 1965): Neach-iomairt chòraichean daonna.