Jump to content

Stàitean na h-Eaglaise

O Uicipeid
Stàitean na h-Eaglaise
Stato della Chiesa
Status Pontificius
7541870
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 754
Bliadhna mu Dheireadh 1870
Prìomh-Bhaile An Ròimh
Càna(i)n Oifigeil Eadailtis/Laideann

B' e dùthaich neo-eisimeileach anns an Roinn-Eòrpa a bha ann an Stàitean na h-Eaglaise[1] (Laideann: Status Pontificius, Eadailtis: Stato della Chiesa) bho 754 gu 1870. B' e sreath dhe stàitean, a' mhòr-chuid dhuibh ann am meadhan na h-Eadailt, a bha fo riaghladh saoghalta a' Phàp, a mhair bho 754 gu ruige stèidheachadh Poblachd na Ròimhe ann an 1798. Thug an Rìgh Pépin Òg, athair Theàrlaich Mhòir, a' chiad oighreachd dhan Phàp ann an 754 agus an uair sin oighreachdan eile ann an 756[2] agus le sin stèidhich an stàit aige fhèin. B' e tè dhe na stàitean na bu mhò agus na bu chumhachdaile a bh'ann Stàitean na h-Eaglaise bhon 8mh Linn[3] gu ruige Aonadh na h-Eadailt ann an 1861. Aig a' char na bu mhò, bhuineadh Lazio, Marche, Umbria agus Emilia-Romagna dhan Phàp.[4] Bhathar dhen bheachd gun cuireadh Stàitean na h-Eaglaise cumhachd saoghalta na h-Eaglaise an cèill. Chuir Napoleon Bonaparte às do Stàitean na h-Eaglaise ann an 1798 agus chuir e air dòigh Poblachd na Ròimhe na h-àite,[5] ach cha do mhair a' Phoblachd ach bliadhna, leis gu robh i ann an earbsa ri feachdan na Frainge,[6] agus an uair sin chaidh stàitean na h-Eaglaise a chur air bhog a-rithist gu ruige 1870. B' fheudar do Phius VI theiche thall thairis, far a chaochail e ann an 1799.[7] An dèidh 1861 cha robh ach Lazio a bh' ann na Stàite, gu ruige 1870.[8] Cha robh oighreachd neo oighreachd aig a' Phàp bho 1870 gu ruige 1929 gus a chuir an ceannard Faisisteach Benito Mussolini crìoch air a' chòmhstri eadar Riaghaltas na h-Eadailt agus an Eaglais Chaitligeach, a' toirt Cathair na Bhatacain dhan eaglais.[9]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. New Advent
  2. History World
  3. Fuenterrebollo
  4. Historia Medieval Cruzadas
  5. Leonardo
  6. Monitore Nalpoitano
  7. Santi e Beati
  8. La Nostria Historia
  9. Der Spiegel