Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)
Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 29 an t-Ògmhios 1907 |
Luchd-stèidheachaidh | Bjarni Jónsson |
Àite-Stèidheachaidh | Þingvellir |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | nàiseantas |
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a' bha a' gabhail poileataigs na làimhe deise agus nàiseantas 's a bh' ann an Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd).[1] Chaidh a stèidheachadh aig coinneamh poblach, far an robh 7,000 duine an làthair, ann an Þingvellir air 29 an t-Ògmhios 1907 agus sheas iad sna taghaidhean air 24 am Faoilleach 1908 nuair a bha Innis Tìle fhathast na phàirt na Danmhairg. B' e gun tàinig Landvarnarflokkurinn agus Þjóðræðisflokkurinn ri chèile san Alþingi an aghaidh Chòrdadh reachdail an biodh gu math fàbharach dhan Danmhairg.[2] Bhris am pàrtaidh ann an dà leth ann an 1915 is chaidh cuid dhuibh gu Framsóknarflokkurinn an ath bhliadhna. B' e Bjarni Jónsson a stèidhich am pàrtaidh. Dh'aontaich a' mhòr-chuid nam ball Íhaldsflokkurinn ri Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) ann an 1929, gus am pàrtaidh air a bheil Sjálfstæðisflokkurinn a th' ann an latha an-diugh a chruthachadh.
Taghaidhean dhan Alþingi
[deasaich | deasaich an tùs]B' ann ann an 1919 a bha Sjálfstæðisflokkurinn na bu shoirbhachaile anns na taghaidhean dhan Alþingi,[3] nuair a fhuair iad 16 seataichean, ged a bha e gu math soirbheachail gach turas a bha taghaidhean ann ach an turas mu dheireadh.
Bliadhna | Bhotaichean | % | +/- | Seataichean | +/- |
---|---|---|---|---|---|
1916 (An Lùnastal) | 1,337/419 | 22.9 %/7.2% | -- | 2 | -- |
1916 (An Dàmhair) | 2,097/938.5 | 15.7 %/7 % | +6.5 %7 % | 12 ri chèile | |
1919 (An dà shèomar) | 3,548 | 25.3 % | -- | 9 agus 4 | +8 agus +2 |
1922 (Àrd Shèomar) | 633 | 5.4 % | -- | -- | -- |
1923 (Sèomar Ìosail) | -- | -- | -- | -- | -- |
1926 (Àrd Shèomar) | 1,312 | 9.4 % | -- | -- | -- |
Prìomh-mhinistearan
[deasaich | deasaich an tùs]Bha triùir forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:
- Björn Jónsson: 1909 – 1911.
- Sigurður Eggerz: 1914 – 1915 agus 1922 - 1923.
- Einar Arnórsson: 1915 – 1917 agus 1924 - 1926.