Sitges

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Sitges
Sitges Spain.svg Escudo de la ciudad de Jaén.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Sitges - Ansicht 1.jpg
Municipio de Sitges (Provincia de Barcelona).svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Catalonia.svg Catalòinia
Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Garraf
Sgìre Flag of Barcelona province(official).svg Barcelona
Co-chomharran 41° 12′ 02″ Tuath
01° 48′ 15″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 43.8 km²
Àireamh-shluaigh 28,269 (2014)
Dlùths 645.41/km²
Àireamh fòn 93
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile agus port ann an Catalòinia (An Spàinn) a th' ann an Sitges (IPA: sidʒəs). Tha e suidhichte aig 10m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Garraf (Roinn Bharcelona). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1041. 'S e catalanais a tha ga bruidhinn an seo. Ged a bha tòrr ghnìomhachas ann ro Chogadh Sìobhalta na Spàinne 's e turasachd-tràighe a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol an latha an-diugh, gu seachd-àraidh turasachd-ghèidh.[1] Tha 28,269 duine a' fuireach ann.[2]

Freumahn an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à saidhleo ann an catalanais (sitja) a tha ainm a' bhaile air sgàth 's gu robh malairt gu math làidir an seo o chionn fhada.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a bha daoine a' fuireach ann fad mìltean de bhliadhna ro làimh, b' ann ann an 1041, nuair a thogadh caisteal san àite far a bheil talla a' bhaile an latha an-diugh, a thoisich eachdraidh sgrìobhte Sitges. Fad na meadhan aoisean dheàdhadh am baile bho uachdaran gu uachdaran, a rèir cò bha a bu chumhachdaile. Ann an 1778 thug lagh ùr piseach air malairt an seo, nuair a cheadaich malairt le Aimearaga. B' ann à Sitges a bha 27% nan Catalanach a bha an lùib mhalairt thar a' Chuain Shiar na Bacardì agus na Brugal nam measg.[3] Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1881. Chaidh Còrdadh[4] a dheànamh an seo ann an 1957 eadar Alberto Lleras Camargo (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia) agus Laureano Gómez Castro (Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a chuir crìoch air an ainneart a sgiùrsadh Coloimbia.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Guia Gay Barcelona
  2. Institut d' Estadística de Catalunya
  3. Casa Bacaardì
  4. La Historia con Mapas
  5. Femp