Silvia
Cur air cois | 1562 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Cauca |
Domhan-leud is -fhad | 2°36′39″N 76°22′44″W |
Làrach-lìn | http://www.silvia-cauca.gov.co/ |
‘S e baile beag ann an Cauca, Coloimbia,[1] a th’ann Silvia. Tha e suidhichte aig 2600m os cionn ìre na mara aig astar dhe 59m bho Phopayán, ann an ceann a deas na dùthcha. Tha teodhachd meadhanach dhe 12˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1562.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 30,960 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 26,850, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th' ann.
Taobh chinnidh, 's e Tùsanaich a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Silvia. Tha 79.4% dhe Tùsanaich, 22.2% dhe daoine geala agus mestizos agus 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 81.2% dhe na daoine ann an Silvia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 7.8% dhe na dachannan.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Ezequiel Hurtado (1825–1890): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1884.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Coloimbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE