Jump to content

Sheabhal

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°57′58″N 7°28′06″W / 56.966152°N 7.468247°W / 56.966152; -7.468247

Sheabhal

Sealladh air Sheabhal bho Bhàgh a' Chaisteil
Àirde (m) 384
Àirde (tr) 1260
Àirde rinneach (m) 384
air liosta Marilyn
Suidheachadh
Sheabhal is located in Alba
Sheabhal
Sheabhal (Alba)
Suidheachadh Barraigh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N)
Comharradh-clèithe NL678994

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Sheabhal neo Heaval. 'S e Sheabhal a' bheinn as àirde ann am Barraigh.[1]

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an deas an eilean Bharraigh. Tha Bàgh a' Chaisteil iar air a' bheinn agus tha an rathad A888 a' dol seachad air sa deas.

Tha druim Sheabhal a' ruith bhon deas dhan tuath agus tha dà mhullach air. Tha Sheabhal fhèin, a' mullach as àirde, 384m (1260 troigh) de dh'àirde.[2] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 10 an t-Samhain 2012.[3] Air mullach na beinne tha an roc a tha mu 3m san iar-thuath an lic thriantanachd a' sealltainn a' phuing as àirde.[2] 'S e Marilyn a th' ann.

Tha an dàrna mhullach suidhichte air an tuath, tha Sheabhal North Top 360m (1181 troigh) de dh'àirde.[4] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 20 am Faoilleach 2012.[5] Tha an àirde rinneach de 38m a' sgaradh Sheabhal North Top bho Sheabhal, a tha na màthair-mhullaich. Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ann a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. [4] Tha Sheabhal North Top na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Chithear ìomhaigh-chloiche Moire Maighdeannan neo Our Lady of the Sea air leargaidh dheasail Sheabhail. Chaidh a thogail ann an 1954.

Freumh an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm Sheabhal a' gabhail a-steach an gnàth-eileamaid Lochlannais "fjall" airson "beinn" aig deireadh an ainm. Nochdaidh fjall mar "bhal" neo "val" anns na h-ainmean Gàidhlig, mar sin chithear dòigh-sgrìobhaidh mar Heabhal no Heaval cuideachd.[6] A rèir Borgström nochd an t-ainm "Hèahabhal" cuideachd, tha esan den bheachd gur dòcha gu bheil an t-ainm seo ceangailte gu "Hàfjall" a tha a' ciallachadh High Hill ann an seann Lochlannais. [7]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 220; ISBN 9781847672773
  2. 2.0 2.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
  3. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  4. 4.0 4.1 Hill Bagging-Sheabhal North Top Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
  5. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  6. MacBain, A.: Place Names Highlands & Islands of Scotland 1922, dt 95. Sruighea: E. Mackay. Air a thadhail bho Chanadian Libraries Internet Archive, 1 an t-Sultain 2015 (Beurla)
  7. Borgström, C., 2008 3 deas. The Norse Place-names of Barra. Ann an The Book of Barra. deas. Campbell, J. L. Steòrnabhagh: Acair Ltd. td 229.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: