Sgorr Ruadh
Coltas
| Sgorr Ruadh | |
|---|---|
Sgorr Ruadh bho thaobh an ear | |
| Àirde (m) | 962 |
| Àirde (tr) | 3,156 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Achadh na Seileach |
| Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
| Comharradh-clèithe | NG95945048 |
'S e beinn eadar Achadh na Seileach agus Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgorr Ruadh. Tha e 962 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Gleann Carrann agus Gleann Toirbheartan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air dath na beinne a gheibh i bhon Chlach-ghainmhich Thoirbheartanach às a bheil i.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho stèisean Achadh na Seileach dhan iar-thuath[1]. Bidh cuid ga cheangal le Beinn Liath Mhòr air taobh eile Coire Làir.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Toirbheartan, Eilean Ratharsair, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, Srath Carann, Loch Carrann agus Beinn Eighe.
