Jump to content

Seumas IV Alba

O Uicipeid
Seumas IV Alba
monarc na h-Alba

11 dhen Ògmhios 1488 - 9 dhen t-Sultain 1513
Seumas III Alba - Seumas V Alba
Beatha
Breith Abaid Taigh an Ròid, 17 dhen Mhàrt 1473
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Ciad chànan A' Bheurla Ghallta
Bàs Northumberland (en) Translate, 9 dhen t-Sultain 1513
Nàdar a’ bhàis  (killed in action (en) Translate)
Teaghlach
Athair Seumas III Alba
Màthair Maighread na Danmhairg, Bànrigh na h-Alba
Cèile Margaret Tudor (en) Translate  (8 dhen Lùnastal 1503 (Gregorian) -
Càraid Janet Kennedy (en) Translate
Margaret Drummond
Marion Boyd (en) Translate
Isabella Stewart (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Foghlam
Cànain A' Bheurla Ghallta
Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, monarc agus uas-fhlath
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Caitligeachd

Ghairmeadh Rìgh Alba dheth Seumas IV nuair a chaidh athair, Seumas III, a mharbhadh le cuilbheirt às dèidh Bhlàr Allt nan Seileach, 11 an t-Ògmhios 1488. Bha Seumas, mas fhìor, aig ceann nan reubaltach a rinn ar-a-mach an aghaidh athar, ged nach robh e ach na ghille òg san àm. A-riamh bhon uair sin gu latha a bhàis, chaith Seumas IV crios-iarrainn trom mu chneas, mar nàdar de aithreachas.[1]

Is fhada bho bha eachdraichean dhen bharail gur h-e a bu chomasaiche dhe na rìghrean Stiùbhartach, agus shoirbhich le Alba fo riaghladh. Stèidhich e oilthigh leighis ann an Obar Dheathain, agus bhrosnaich e malairteachd is na h-ealain; bha e fhèin ionnsaichte is iomadach cànan aige, Gàidhlig nam measg.

Tha cuid a' cumail a-mach gun robh Seumas IV na Rìgh Alba mu dheireadh a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bhon fhianais a dh'fhàgadh le fear Pedro Ayala, an tosgair Spàinnteach - uime sin, 's e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil fios le cinnt againn, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i. Ach Gàidhlig ann no às, 's e Seumas IV a chuir às do Thighearnas nan Eilean ann an 1493; bha an tighearnas air fàs ro chumhachdach, chun na h-ìre far an do chuir e an rìgh fhèin gu dùbhlan.

Bha e a' mhiannachadh gum biodh sìth eadar Alba is Sasainn; air an dòigh sin phòs e Mairead Tudor, nighean Eanraig VII, ann an 1503 - thuirte "pòsadh a' chluarain san ròs" ris a' phòsadh seo.

Ach bhris cogadh a-mach a-rithist eadar an dà dhùthaich, agus chaidh Seumas IV a mharbhadh a' sabaid aig ceann airm, latha Blàr Flodden (9 an t-Sultain 1513), batail mòr an ceann a tuath Shasainn an aghaidh nan Sasannach. Bha e mar amas aige cuideachadh a thoirt do na Fraingich, oir bha cogadh ann eadar an Fhraing agus Sasainn aig an àm.[1]

Dh'fhàgadh a mhac Seumas V na rìgh, ged nach robh e ach bliadhna a dh'aois. Dh'fhosgail seo an doras gu amannan glè dhoirbh airson Alba.

Seumas Stiùbhart, ceathramh Rìgh Seumas Alba (neach-ealain: gun urra)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 BBC - Scotland's History - James IV, King of Scots”. BBC. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2018.