Jump to content

Seumas I, Rìgh na h-Alba

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Seumas I, Rìgh Alba)
Seumas I, Rìgh na h-Alba
monarc na h-Alba

4 dhen Ghiblean 1406 - 21 dhen Ghearran 1437
Raibeart III, Rìgh Alba - Seumas II na h-Alba
Beatha
Breith Lùchairt Dhùn Phàrlain, 25 dhen Iuchar 1394
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Eaglais nam Manach Dubha, Peairt, 21 dhen Ghearran 1437
Àite-adhlacaidh Taigh nan Cairt, Peairt
Nàdar a’ bhàis murt duine (stab wound (en) Translate)
Teaghlach
Athair Raibeart III, Rìgh Alba
Màthair Anabella Drummond
Cèile Joan Beaufort (mul) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Foghlam
Cànain Middle Scots (en) Translate
Meadhan-Bheurla
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair agus uas-fhlath
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd

Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, Raibeart III, a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tànaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu 1420, nuair a phàigh na h-Albannaich an èirig a chaidh iarraidh orra.

Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri Joan Beaufort, co-ogha Rìgh Eanraig VI Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.

Cho luath agus a thill e dh'Alba, ann an 1424, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e Pàrlamaid na h-Alba a rèir eisimpleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd.

Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na Greumaich ann am manachainn Pheairt air an 21mh latha dhen a' Ghearran, 1437, ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.[1]

Uair eile, mar a bha bitheanta ri linn nan Stiùbhartaich, dh'fhàgadh Alba fo stiùir oighre òg, Seumas II, nach robh ach na naoidhean fhathast.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Rìghrean, banrighrean agus uaislean”. Eachdraidh na h-Alba. e-storas. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2018.