Seumas Greumach, ciad Diùc Mhonadh Rois

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Seumas Greumach, ciad Diùc Mhonadh Rois
James Graham 1682-1742.jpg
Rùnaire Stàite na h-Alba


Glèidheadair Seula Mòr na h-Alba

1716 - 1733
Uilleam Johnstone, 1ad Mharcais Annandale - Eàirdsidh Caimbeul, 3as Diùc Earra Ghàidheal
Beatha
Breith Rìoghachd na h-Alba, dhen Ghiblean 1682
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Rìoghachd na Breatainne Mòire
Bàs Lunnainn, 7 dhen Fhaoilleach 1742
Teaghlach
Clann
Fine Clan Graham
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail

B' e Seumas Greumach, ciad Diùc Monaidh Rois (Giblean, 1682 - Lunnainn, 7 am Faoilleach 1742) neach-poileataigs agus uachdaran à Alba.[1] Bha e an sàs ann an rèiteachadh còrdaidhean Aonadh nam Pàrlamaidean ann an 1707.[2] Fhuair Rob Ruadh MacGriogair fìor dhroch- làimhseachaidh bhon fhear seo.[3]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Seumas Greumach ann an Alba mu 1682. 'S e an aon mhac Sheumais Ghreumaiche treas Marcas Mhonadh Rois agus na Bhan-tighearna Christian Leslie a bh' ann. Phòs e ri Christian Carnegie, nighean Dhàibhidh Carnegie, treas Iarla Easg a Tuatha, air 31 am Màrt 1721 agus fhuair iad ceathrar mac còmhla, ach chaochail triùir dhuibh gu math òg. Le sin, 's e an treas mac, Uilleam, a fhuair an Diùcachd.[4] Chaidh dithis dhen duine-cloinne aig Seumas Greumach dhan sgoil ann an Eton, Sasainn. Chaochail e thall thairis ann an Lunnainn, fada air falbh bhon Alba, ach chaidh e a thoirt air ais dhan thalamh aige is a thìodhlacadh ann an Obar Ruadhainn.

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

'S e uachdaran cumhachdail a bh' ann Seumas Greumach. Bha e an sàs ann an rèiteachadh còrdaidhean Aonadh nam Pàrlamaidean Albannach agus Sasannach nuair a bha e na mhinistear ionmhais na h-Alba eadar 1705 agus 1707 agus na àrd-mharaiche na dùthcha bho 1705 gu 1706. Bha e ann an teis-mheadhain pròiseas aonaidh Bhreatainn co-dhiù. Ann an 1707,[5] mar dhìol na rinn e ri linn a' phròiseis, chaidh e ainmeachadh na dhiùc a' Mhonaidh Roise, na bhiocas Dhùin Duibh, na Iarla Cinn Chàrdainn, na mharcas Ghreumach is Bochanain agus na Thighearna Obar Ruadhainn, Mugdock agus Fionn Treabh. An deidh an aonaidh, bha e an sàs anns an Riaghaltas fad iomadach bliadhna:[6] Tighearna Seula Probhaideach na h-Alba (1709 - 1713), Tighearna Sheala Mhòir na h-Alba (1716 - 1733), Rùnaire na Stàite (1714)[7] agus morair[8] ann an Taigh nam Morairean (1715 - 1734), far a bheil a chuid shìol fhathast ann gus ar làithean.[9] A bharrachd air sin dhèanadh e geur-leanmhainn air Rob Ruadh MacGriogair fad mòran bhliadhna. Thug an Diùc sealbh air fearainn a' Ghriogaraich, 's dòcha air sàilleabh gu robh Rob Ruadh an sàs ann an Ar-a-mach ann an 1715, air neo 's mathaid robh e ann am fiachan dhan Ghreumach, taobh ghnothaich a' chruidh. Bha falachd fhuilteach mharbhtach ann eatorra gu ruige 1722.[10]

Iomaraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. The Peerage
  2. The Royal Society
  3. Rob Roy MacGregor,His Life and Times, W H Murray; Canongate books Earranta 3ed ed 1996.
  4. The Peerage
  5. Cracroft's Peerage
  6. The Royal Society
  7. Runeberg
  8. Leighrayment
  9. Taigh nam Morairean
  10. Sir James Balfour Paul, LLD, ed. (1909). The Scots Peerage, Dreach 6. Dùn Èideann: David Douglas. duilleag. 273.