Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An Tòb, dhen t-Samhain 1937 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Eilean Cheap Bhreatainn, 31 dhen Lùnastal 2017 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Colaiste Chnoc Iòrdain |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | craoladair agus comhairliche |
Fastaichean | BBC Scotland (1964 - 1972) |
B' e craoladair, bàrd agus leasaiche cànain a bha ann an Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain (Beurla:[1] John Alick MacPherson).
Rugadh e sna Hearadh agus dh'imrich a theaghlach a dh' Uibhist a Deas nuair a bha e na bhalach òg. Bha e na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Chnoc Iordàin. Thill e a dh'Uibhist agus theagaisg e Gàidhlig aig Sgoil Ceann a' Bhagh. Thoisich e a bhith e na chraoladair Gàidhlig ann an Glaschu ann an 1964. Ann an 1972 dh'imrich e do Chanada far an do dh'obair e ann an dàimh poblach. Thill e do dh'Alba sna 1990an far an do chaidh e na leas-stiùiriche Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Chaochail e ann an Ceap Breatainn ann an 2017.[2]
Litreachas
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich e Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1961. Dheasaich e cruinneachadh sgrìobhaidhean de Donnchadh Blàrach còmhla ri Mìcheal Linkletter.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Prògram Choinnich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017.
- ↑ “Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain air bàsachadh”, BBC. 31mh dhen Lùnasdal 2017. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017.
- ↑ “Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd - Parting, Prophecy, Poetry”. Cape Breton University Press. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017.