Schouwen-Duiveland
Schouwen-Duiveland
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 51° 40 09' Tuath 05° 04 20' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 488.21 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 48,821 (2017) | ||||
| Dlùths | 100/km² | ||||
| Àireamh fòn | +31 (0) 452 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
'S e eilean agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) ann an ceann a deas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Schouwen-Duiveland (IPA: sxʌuə(n)ˈdœyvəlɑnt, Zeeuws: Schouwen-Duveland). Tha e suidhichte eadar Middelburg agus Rotterdam, aig dìreach -1m fo ìre na mara,[1] anns an roinn Zeeland. Tha 48,821 duine a' fuireach ann.[2] Chan ann ach bailtean beaga san sgìre dhùthchail seo. B' ceithir eileanan fa leth a bh' ann o chionn fhada - Schouwen, Duiveland, Dreischor agus Bommenede - ach ann an 1610 thòisich obair air dam an seo agus chuireadh na h-eileanan ri chèile ann an aon eilean mòr, mar a rinneadh ann an iomadh sgìre eile nan Tìrean Ìsle. Thug An Dàrna Cogadh buaidh gu math làidir air an sgìre: chaidh deichnear a chur gu bàs gun adhbhar.[3] B' e an t-eilean mu dheireadh na dùthcha a bha ann an làmhan nan Nàsach a bh' ann ab Schouwen-Duveland, fiù' s gu ruige An Cèitean 1945.