Jump to content

Samuel Peploe

O Uicipeid
Samuel Peploe
Beatha
Breith Dùn Èideann, 27 dhen Fhaoilleach 1871
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 11 dhen Dàmhair 1935
Àite-adhlacaidh Dean Cemetery (en) Translate
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Acadamh Julian
Académie Colarossi (en) Translate
Royal Scottish Academy (en) Translate
(1893 - 1894)
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd peantair
Àitichean-obrach Dùn Èideann
Ballrachd Royal Glasgow Institute of the Fine Arts (en) Translate
Society of Eight (en) Translate
Kirkcudbright Artists' Colony (en) Translate
Scottish Colourists (en) Translate

B' e peantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann an Samuel Peploe RSA.

Rugadh e ann an 1871 is thogadh e ann an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich e ealain ann an Dùn Èideann agus nas fhaide ann am Paris aig an Acadamh Colarossi agus aig an Acadamh Julian. Bha e air turas peantadh ann am Barraigh ann an 1894 far an do thachair e ri Margaret MacKay a phòs e. Rinn e a chiad thaisbeanadh air a cheann fhèin ann an 1903. Theagaisg e aig Colaiste nan Ealain ann an Dùn Èideann ann an 1933.[1]

Thadhal is pheant e ann an Ì Chaluim Chille uaireannan còmhla ri Francis Cadell.[2]

Tha dùil ann gun cosgaidh a Still Life with Tulips and Fan ('Dealbh neo-bheò le Tiuilipean agus Gaotharan') còrr is trì ceud mìle not aig rùp.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. S J Peploe Biography”. Portland Gallery. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2020.
  2. F.C.B Cadell”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2020.
  3. Hannan, Martin: “Scottish artist's masterpiece estimated to fetch up to £500,000 in auction”. 10mh dhen Iuchar 2020. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2020.