Jump to content

John Duncan Fergusson

O Uicipeid
John Duncan Fergusson
Beatha
Breith Lìte, 9 dhen Mhàrt 1874
Dùthaich  Alba
Bàs Glaschu, 30 dhen Fhaoilleach 1961
Teaghlach
Cèile Margaret Morris (en) Translate
Foghlam
Foghlam Colaiste Ealain Dhùn Èideann
Cànain Beurla
Oileanaich Lawrence Atkinson (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd peantair, snaidheadair agus neach-ealain lèirsinneach
Ballrachd New Scottish Group (en) Translate
Scottish Colourists (en) Translate
Glasgow Art Club (en) Translate

B' e peantair is cruth-ealantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann an John Duncan Fergusson.

Rugadh is thogadh e ann an Lìte is dh'ionnsaich e ealain aig Acadamh nan Urrasairean ann an Dùn Èideann agus ann am Paris ach b' ann air a cheann fhèin a rinn e a' mhòr-chuid de a chùrsa foghlaim. Pheant e cuideachd Fìobha, Afraga a Tuath agus an Spàinn. Chaochail e ann an 1961.[1]

Phòs e an dannsair Margaret Morris. Thachair iad ri chèile ann am Paris ann an 1913 is dh'obraich iad còmhla air pròiseactan dannsa.[2]

Tha gailearaidh ann am Peairt a' cumail cruinneachadh nan obraichean aige agus stuth mu Margaret Morris.[3] Tha cruinneachaidhean eile aig Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair, mar eisimpleir Les Eus[4] agus aig Oilthigh Shruighlea.[5]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Fergusson Artist Biography”. Scottish Colourists. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
  2. In the Patio: Margaret Morris”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
  3. The Fergusson Gallery”. Comhairle Pheairt agus Ceann Rois. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
  4. Les Eus”. Art UK. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
  5. John Duncan Fergusson (1874 – 1961)”. Oilthigh Shruighlea. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.