Jump to content

Sardainia

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sairdinia)
Sardainia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eadailt
Prìomh-bhaile Cagliari (en) Translate
Feartan fiosaigeach

'S e Sardainia neo Sàrdainea[1] (Sàrdais: Sardigna, Sardinna no Sardíngia, Eadailtis: Sardegna, Catalanais: Sardenya, Beurla: Sardinia), an dàrna eilean as motha anns a' Mhuir Mheadannach. Tha e suidhichte mu 202 km bho thìr-mhòr na h-Eadailt agus mu 184 km san àird a tuath Tuinisia. Tha Menorca, eilean Spàinnteach anns na h-Eileanan Balèarach mu 335 km san àird an iar Sardainia.

'S e Cagliari am prìomh-bhaile aige.

Na sgìrean ann an Sardainia (mapa dà-chànanach).

'S e Sardainia aon de na còig roinnean neo-eisimeileach den Eadailt.

Bho thùs bha trì sgìrean poilitigeach ann an Sardainia fhèin: Cagliari, Sassari is Nuoro. Anns a' bhliadhna 1974 chaidh an sgìre Oristano a chruthachadh. Bho 2005 a-mach tha ceithir sgìrean ùra eile ann: Olbia-Tempio, Ogliastra, Carbonia-Iglesias agus Medio Campidano.

Sgìre Farsaingeachd
(km2)
Àireamh-shluaigh
31.12.2009
Dlùths
Cagliari 4570 61.080 123
Carbonia-Iglesias 1495 130.186 87
Medio Campidano 1516 102.647 68
Nuoro 3934 161.020 41
Ogliastra 1854 58.006 31
Olbia-Tempio 3399 156.121 46
Oristano 3040 166.712 55
Sassari 4282 336.632 79

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Sardinia cho mòr ri 24.090 km2 agus ann an 2009 bha 1.672.404 a' fuireach ann.

Le 150 km a dh'fhad,'s e Tirso an abhainn as motha ann an Sardainia, tha e anns an taobh an iar dhen eilean. Tha an Coghinas 123 km a dh'fhad agus anns an àird an earra-dheas tha am Flumendosa (122 km) ann.

'S iad am Punta La Marmora (1834 meatair a dh'àrd) agus am Bruncu Spina (1829 m) na beanntan as àirde. Tha iad suidhichte ann am meadhan Shardainia anns na ruith-bheanntan Gennargentu. Ann an ceann a tuath an eilein tha am Monte Limbara, tha e 1359 m a dh'àrd. Uaireannan lorgar òr is airgead anns na beanntan Shardainia.

Ged a tha Eadailtis aig muinntir an eilean gu lèir. tha Sàrdais aig 80% dhiubh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]