Menorca

O Uicipeid
Menorca
Cladach ann am Menorca

'S e eilean Spàinnteach agus aon de na h-Eileanan Balèarach a tha ann am Menorca (Catalanais is Spàinntis; Beurla: Minorca). Thàinig ainm an eilein bhon fhacal Laideann: Balearis Minor a dh'atharraich tro na linntean gu Minorica (eilean beag).

Tha Menorca suidhichte anns a’ Mhuir Mheadhanaich. Tha e cho farsaing ri 694,4 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 88.434 de shluagh ann le dluths aig àireamh 127,4 duine gach km².

Tha Mahon na phrìomh-bhaile.

'S e El Toro, ainm eile Monte Toro, a’ bheinn as àirde ann am Menorca, tha i 358 meatair a dh’àrd.

Tha port-adhair eadar-nàiseanta san àird an iar an eilein, mu 3 cilemeatair air falbh bho Mhahon. Tha na h-aiseagan gu Barcelona, Palma de Mallorca agus Valencia suidhichte an seo cuideachd.

Sgìrean[deasaich | deasaich an tùs]

Sgìrean ann am Menorca

Tha ochd sgìrean ann am Menorca. Seo iad:

  • Alaior (Spàinntis: Alayor)
  • Es Castell (seann ainm: Villacarlos)
  • Ciutadella de Menorca (Spàinntis: Ciudadela de Menorca)
  • Ferreries (Spàinntis: Ferrerias)
  • Maó (Spàinntis: Mahón)
  • Es Mercadal
  • Es Migjorn Gran (Spàinntis: San Cristóbal)
  • Sant Lluís (Spàinntis: San Luis)