Sàrdais
Coltas
Sàrdais Sardu, Limba Sarda | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1,045,180 [1] | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Sardinia | |
'Ga riaghladh le | Limba Sarda Comuna | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | sc | |
ISO 639-2 | srd | |
ISO 639-3 | srd
| |
'S e cànan Ròmanach a tha ann an Sàrdais. Canar limba sarda no Sardu ris anns a' chànan fhèin.
Tha i ga bruidhinn le nas motha na millean duine ann an Sardinia, eilean anns a' Muir Mheadannach. 'S e sin 80% de mhuinntir an eilean, ach tha iad uile dà-chananach, tha Eadailtis aca cuideachd.
Le achd ionadail ann an 1997 agus achd na stàite 1999 fhuair Sàrdais inbhe mar mion-chànan, ach chan eil inbhe cho-ionnanach le Eadailtis aice fhathast. .[2]
An coimeas ri cànanan romansach eile, tha fuaimneachadh Sardinianach gu math glèidhteach a thaobh Laideann Vulgar. Ach chithear buaidh na Spàinntis is Catalanais cuideachd.
'S iad na dualchainntean as motha:
- Logudorese [src]: 500,000 neach-labhairt (1993) ann am meadhan na h-eilean. [3]
- Gallurese [sdn]: 100,000 (1993) san àird an earra-thuath [4]
- Campidanese [sro]: 345,000 neach-labhairt (2000), ann an ceann a deas na h-eilean. [5]
- Sassarese [sdc]: 100,000 (1993) san iar-thuath an eilein [6]