Jump to content

Rudha Stòir

O Uicipeid
Rudha Stòir
An taigh-solais

'S e an rudha as tuathaiche den leth-eilean Stòr a tha ann an Rudha Stòir [1] no Rubha Stoir [2] (Beurla: Point of Stoer no Stoer Head).Tha rathad singilte a' leantainn an seo bho Loch an Inbhir.

Tha Rudha Stòir à clach-ghainmhich Thoirbheartanach.

'S e àrd-chomharradh do mharaichean a th' ann, agus tha taigh-solais ann ris an canar Ru Stoer Lighthouse no Stoer Head sa Bheurla. Chaidh a togail le David agus Thomas Stevenson ann an 1870. Tha e 14 metair a dh'àirde, ach tha an solas aige mu 54m os cionn na mara. Anns na seann làithean bha neach-glèidhidh a bha a' coimhead an dèidh an t-solais a' fuireach an seo còmhla ris an teaghlach aige. Tha taigh an neach-glèidhidh aig an National Trust for Scotland an-diugh agus tha iad a' toirt seachad e air mhàl do luchd-turais. Chithear fail-mhuc faisg air an taigh far an do chum an neach-gleidhidh an sprèidh aige. Bho 1978 a-mach tha an taigh-solais a' ruith leis an Northern Lighthouse Board ann an Dùn Èideann, agus mar sin dh'atharraich dòigh-obrach an t-solais, tha e fèin-obrachail an-diugh.

Tha tobhta den stèisean reudar às an Dàrna Cogadh shuas air a’ chnoc. Rud beag san earra-dheas air Rudha Stòir tha stac-mara ainmeil ris an canar Bodach Stòrr.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Stòr-dàta SMO

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: