Jump to content

Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"

O Uicipeid
Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"
Beatha
Breith Bràgar, 1646
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs 1713
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil clàrsach
Clàrsach Gàidhealach, Taigh-tasgaidh na h-Alba, Dùn Èideann

B' e bàrd a bh' ann an Ruairidh MacMhuirich (mu 1646 - mu 1713), neo 'An Clàrsair Dall' mar a chanas iad ris. Rugadh e ann am Bràgar, Leòdhas, mu 1646. Dh'fhàg tinneas dall e nuair a bha e fhathast san sgoil (ghabh e a' bhreac). Dh'ionnsaich e clàrsach agus fhuair e trèanadh ann an Èirinn cuideachd. Nuair a thill e a dh'Alba, bha e a' siubhal na dùthcha is a' cluich na clàrsaich. Nuair a thachair e ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach, bha e na chlàrsair aig Caisteal Dhùn Bheagain. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire aig a' Chaisteal aig an àm seo. Mu 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus às dèidh sin, dh'imrich Ruairidh a Ghleann Eilge. Mu 1700, thòisich e a' siubhal na dùthcha a-rithist. A rèir choltais, thill e dhan Eilean Sgitheanach aig deireadh a bheatha. Chaochail e mu 1713 agus a chaidh a thiodhlacadh anns an Eilean Sgitheanach.

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
  • The Blind Harper (An Clàrsair Dall): The Songs of Roderick Morison and his Music. Deas. Uilleam MacMhathain. Scottish Gaelic Texts Society: 1970.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • thàinig an fhiosrachadh a chaidh chleachdadh ann a sheo bho duilleag a' bhàird air Bliadhna nan Òran

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]