Jump to content

Rouen

O Uicipeid
Rouen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Haute-Normandie
Sgìre Seine-Maritime
Co-chomharran 49° 26′ 38 Tuath
01° 06′ 12 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21.38 km²
Àireamh-shluaigh 108,569 (2007)
Dlùths 5,078.06/km²
Duilleag oifigeil www.rouen

'S e baile mòr air àirde an ear-thuath na Frainge a th’ ann an Rouen (IPA: ʁwɑ̃). A bharrachd air sin 's e prìomh-bhaile a’ cheàrn Haute-Normandie agus na sgìre Seine-Maritime, ainmeil airson a chuid eaglaisean is gu sònraichte a cathair-eaglaise.[1] Tha Rouen suidhichte air an abhainn Seine, agus trì uillt nas lugha, ris an canar Aubette, Robec agus Cailly agus tha oilthigh aige.[2]

'S e seann bhaile Ceilteach a bh’ ann an Rouen gu ruige a’ chiad linn ro Chrìosd, nuair a thuit e fo bhuaidh nan Ròmanach. Bha e na phàirt dhen Ghallia Lugdunensis is an uair sin na Roinn Lugdunensis II. Thionndadh daoine a’ bhaile dhan A’ Chrìosdaidheachd anns an 5mh Linn. Bha am baile gu math cudromach dha na Treabhan Frangach mus tug na Lochlannaich ionnsaigh air a’ bhaile iomadach turas anns an 9mh Linn.[3] Dh’fhàs Rouen a bhith fear dhe na puirt na bu chudromach aig ìre na Roinn Eòrpa anns na Meadhan-Aoisean Iosal, air sàilleabh na sochairean aige; A dh’aindeoin sin, chaill Rouen a chuid shochairean ann an 1382, nuair a thug am baile taic gu ar-a-mach an aghaidh Charles VI, Rìgh na Frainge.[4]

Chaidh am baile a chuairteachadh ri linne Cogadh na Ciad Bliadhna, agus chaidh Jeanne d’Arc (IPA: ʒan daʁk) a losgadh leis na Sasannaich ann an ceàrnag a’ bhaile ann an 1431.[5]

Rugadh Gustave Flaubert ann an Rouen ann an 1821, oir bha athair agus a bhràthair nan dotairean-lannsa aig ospadal a' bhaile.[6]

Chaidh am baile a mhilleadh aig àm an Dàrna Cogaidh.[7]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e gnàth-shìde a' chuain a tha ann an Rouen, leis an t-uisge a’ dòrtadh air feadh na bliadhna, fad 131.2 làithean agus tha na geamhraidhean gu math boga oir tha Rouen gu math faisge air a’ mhuir. Bidh a’ ghaoth a’ sèideadh, mar as àbhaist, bhon iar-dheas gus an àirde an iar, is tha e gu math stoirmeil sa gheamhradh.[8]

  • Teodhachd mheadhanach bhliadhnail : eadar 10 °C agus 20 °C.
  • Teodhachd na b’ ìsle a-riamh: -17.1 °C (8mh latha dhen Fhaoilleach 1985
  • Teodhachd na b’ àirde a-riamh: 38.1 °C 11mh latha dhen Lùnasdal 2003
  • 51 latha dhe deigh gach bliadhna (iomall a’ bhaile) 39 latha (meadhan a’ bhaile).
  • Solas na Grèine: 1518 uairean gach bliadhna.
  • Ceò: 85 latha gach bliadhna.
  • Stoirmean: 16 latha gach bliadhna, air feadh na bliadhna, fiù’s as t-samhradh.
  • Uisge: eadar 700 agus 900mm gach bliadhna.[9]

Eaconamaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e fear dhe na puirt mara nas motha san Fhraing a th' ann an Rouen agus tha am port an sàs, còmhla ri Le Havre, a' toirt bathar bho agus gu Paris. Tha mòran gnìomhachas ann cuideachd: cotan, a' chlò, stuth-ceimigeach, uidheamachd obrachail, càraichean agus itealain. Tha raointean-gnìomhachais ri taobh na h-aibhne (Le Petit Quevilly, Le Grand Quevilly agus La Grand-Couronne), còmhla ri fìneadairean Pheatrail (Moulineaux agus Oissel).[10]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. France Guide
  2. Université de Rouen
  3. Helium
  4. Rouen.fr
  5. New Advent
  6. Rincón del Vago
  7. Visite Rouen
  8. Météo Rouen[dead link]
  9. L'Internaute
  10. CREA
  11. SisterCities
  12. Stadt Hannover