Gustave Flaubert

O Uicipeid
Gustave Flaubert
Beatha
Breith Rouen, 12 dhen Dùbhlachd 1821
Dùthaich  An Fhraing
Àite-fuirich Reims
Canteleu
Paris
Rouen
Bàs Croisset (en) Translate, 8 dhen Chèitean 1880
Àite-adhlacaidh Cimetière monumental de Rouen (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (ruith-fala san eanchainn)
Teaghlach
Athair Achille Cléophas Flaubert
Cèile no value
Càraid Louise Colet (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam International lycée François-Ier (en) Translate
Paris Law Faculty (en) Translate
Lycée Pierre-Corneille (en) Translate
Cànain Fraingis
Luchd-teagaisg Pierre Adolphe Chéruel (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd nobhailiche agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichte Madame Bovary (en) Translate
Salammbô (en) Translate
Bouvard et Pécuchet (en) Translate
Sentimental Education (en) Translate
The Temptation of Saint Anthony (en) Translate
Three Tales (en) Translate
Dictionary of Received Ideas (en) Translate
Q19150097 Translate
Duaisean a fhuaras
Gluasad fìorachas
Seirbheis san arm
Strì Cogadh na Frainge 's na Pruise
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
IMDb nm0281306

B’ e Gustave Flaubert (IPA:ɡystav flobɛʁ) sàr-ùghdar Frangach. Rugadh e ann an Rouen air an 12mh neo an 13mh latha dhen Dhùbhlachd 1821[1][2] agus chaochail e air an 8mh latha dhen Chèitean 1880, ann am baile beag ris an canar Croisset.[3][4]

Mar sgrìobhadair rosg na b' fheàrr dàrna leth na 19mh linne, thug Gustave Flaubert buaidh làidir air litreachas na Frainge leis cho domhainn 's a bha a chuid mhion-sgrùdadh eòlais-inntinn agus am fìorachas litreachail aige, air sgàth cho soilleir 's a bha e taobh cleachdaidhean na daoine agus a’ cho-chomann, agus air sàilleabh cho cumhachdail 's a bha an stoidhle aige anns na nobhailean mòra a sgrìobh e, mar eisimpleir Madame Bovary (1857), Salammbô (1862), L'Éducation sentimentale (1869), neo fiù 's na sgeulachdan goirid aige, mar Trois Contes (1877).

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuineadh e do theaghlach bùirdeasach caitligeach ach 's e Pròstanaich a bh’ anns a chuid shinnsearan. Mar a thuirt e dha na Pròstanaich ann an Nîmes “‘S e fìor Chaitligeach a th’ annamsa fhèin, ach cha dìochuimhnichidh mi a-riamh gur e Pròstanach a bh’ anns mo shinnsear na b’ ainmeil.” [5][6] 'S e an dàrna mhac aig Achille Cléophas Flaubert (1784-1846), àrd dotair-lannsa aig an ospadal Hôtel Dieu ann an Rouen, agus a bhean Anne Justine Caroline (Fleuriot) (1793-1872), a bh’ ann an Gustave.

Fhuair a phàrantan sianar daoine-chloinne: Achille (18131882); Caroline (18161817); Émile Cléophas (18181819); Jules (18191822); Gustave (18211880) agus Joséphine Caroline (18241846). Rugadh e an dèidh dha a phiuthair is dithis bhràthair na b' aosta a bhàsachadh. Dh’eug a mhàthair nuair a bha i trom le nighean, Caroline. 'S e Gustave fhèin a thug a cuid foghlaim dhi, mus do phòs ise. Fhuair Gustave Flaubert leanabas gu math brònach, is thug àrainneachd dhòrainneach anns am flat aig athair anns an ospadal ann an Rouen (Taigh-tasgaidh Flaubert an latha an-diugh[7]) buaidh mhòr airsan. A dh’aindeoin sin, chiùinich sin càirdeas a’ phiuthar bheag Caroline, a rugadh tro bliadhna an a dhèidh.[8][9] Bha an teaghlach dhen bheachd gur e a bhràthair mòr a bha na bu chudromaiche is na bu sgileil, is lean esan athair mar àrd dotair-lannsa aig an ospadal.

'S e òganach fa leth romansach a bh' ann Flaubert agus bha uidh mhòr aige anns an litreachas mar-thà, ged nach robh e dealas idir air an fhoghlaim a fhuair e aig an sgoil Collège royal, neo an uair aig an àrd-sgoil Lycée de Rouen (bho 1832). Chaidh e a chur air falbh anns an Dùbhlachd 1839 airson dhìth-smachd agus rinn e a chuid dheuchainnean na aonar ann an 1840. Choinnich e Élisa Schlésinger ann an Trouville-sur-Mer, as t-samhradh 1836. Seo an tachartas na bu chudromaiche a thachair dha nuair a bha e òg, agus thug sin buaidh mhòr mhaireannach airsan. Chleachd e an gaol lasanta a dh’fhairich e anns an nobhail L'Éducation sentimentale, gu seachd àraidh anns an duilleig ainmeil far a “nochdas” Madame Arnoux ri beulaibh Frédéric òg aig a’ choinneamh geur searbh mu dheireadh eatorra.

Sheachain e an t-Arm air sgàth gun do bhuannaich e crannchar gill (gu cumanta aig an àm), agus ann an 1841 thòisich e air an Lagh ag ionnsachadh ann am Paras, gun dealas, ach bha e gu math beòthail brogail an siud co-dhiù. Choinnich e mòran dhaoine ainmeil ann an saoghal na ealain is na litreachas, mar an snaidheadair James Pradier agus an t-ùghdar Maxime Du Camp, deagh charaid aige, is fiù 's am bàrd agus sgrìobhadair dràma Victor Hugo. Leig e leas an Lagh, nach do chòrdadh leis a-riamh, anns an Fhaoilleach 1844 an dèidh droch Ghalair thuiteamach fhulang. Thill e gu Rouen, is an uair sin, bho an t-Òg-mhios 1844 bha e na thàmh ann an Croisset, ri taobh na Seine, faisg air Rouen. Sgrìobh e sgeulachd neo dhà agus a’ chiad dreach an nobhail L'Éducation sentimentale an siud. Chaochail athair agus a phiuthar bheag ann an corra sheachdain aig toiseach 1846, (dìreach dà mhìos an dèidh an torraicheis — 'S e Flaubert fhèin a thogadh nighean a phiuthar, Caroline). A bharrachd air sin, as t-earrach na bliadhna sin thòisich e càirdeas dòbhaidh eadar-ùineach fad dusan bliadhna leis a’ bhan-bhàrd Louise Colet. Sgrìobhadh esan tòrr litrichean dhise is bheireadh e gu ìre a chuid bheachdan taobh obair an sgrìobhadair, seòltachd an Fhraingis agus na smuaintean aige taobh chàirdeas eadar na boireannaich is na fireannaich an sin. Lean sin mus do bhriste iad is sgrìobh e a litir mu dheireadh dhi air an 6mh latha dhen Mhàrt 1855. Ged an do dh’fhàs e gu math reamhar na bhodach, 's e òganach làidir spòrsail a bh’ ann an Gustave Flaubert, seach gu robh e cho dhèidheil air snàmh, claidheamhaireachd, marachd is fiù 's sealgaireachd.

Ceithir baidealan na sgrìobh Flaubert[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Flaubert agus Charles Baudelaire beò aig an aon àm agus bha e cho cudromach mar am bàrd sin a sgrìobh Les Fleurs du Mal ann an litreachas Frangach na 19mh linne. Ann an dà cuid air a chàineadh (air adhbharan moralta) agus tlachdmhor (air sgàth am forsa litreachas aige) nuair a bha e beò fhathast, thathar dhen bheachd an latha an-diugh gur e fear dhe na sgrìobhadairean nobhailean na b’ fheàrr na linne aige, gu seachd àraidh airson Madame Bovary, an nobhail a chuir am Bovaryas (Fraingis bovarysme) air dòigh, agus airson L'Éducation sentimentale a lean e; thathar a’ cur a chuid obrach eadar na nobhailean eòlais-inntinn a sgrìobh (Stendhal), agus an nàdarras aig (Émile Zola agus Guy de Maupassant, ged an robh an dithis sin cinnteach gur e Flaubert a sheall an t-slighe air adhart dhuibh). Thug na sgrìobh Honoré de Balzac buaidh mhòr airsan, agus bha e ag obair air na cuspairean sin ann an dòigh uabhasach pearsanta (Tha L'Éducation sentimentale coltach ri Le Lys dans la vallée agus chuir La Femme de trente ans smuaintean na inntinn airson Madame Bovary a sgrìobhadh)[10]. 'S e nobhailean gu math fìorachail a sgrìobh e. A bharrachd air sin, bha àilleachd sgrìobhaidh (Fraingis: ésthetique) fa leth cudromach dha, is le sin chuireadh e mòran ùine seachad gus gach leabhar a chur air dòigh, is e gan sgrùdadh leis ainmeil “Deuchainn na Beòil” (Fraingis: L’épreuve du gueuloir)[11] », nuair a leughadh e na sgrìobhadh anns an guth àrd). Bha beò-ghlacadh mòr aige taobh na sgrìobh Honoré de Balzac, an t-athair litreachail aige, agus sgrìobh e an seantans sin anns na notaichean aige: Teich bho Le Lys dans la vallée, na chuir earbsa ann an Le Lys dans la vallée.[12]

Mu dheireadh thall, 's e ùghdar uabhasach moralta a bh' ann, air sàilleabh cho ìoronasach agus eu-dòchasach a bha, taobh na daoine. Sheall Dictionnaire des idées reçues (Gàidhlig : Faclair na smuaintean air fhaighinn) dìreach cho tàlantach 's a bha e le sin. Chuir Pléiade còig leabhraichean dhe litrichean a sgrìobh e gu Louise Colet, George Sand agus mòran eile anns a’ chlò.

A chuid obrach[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean

  • Rêve d'enfer, 1837
  • Mémoires d'un fou, 1838
  • Madame Bovary, 1857 agus 1930 (le sgrìobhainnean taigh nan Cùirte)
  • Salammbô, 1862 agus 1874 (clò-bhualadh mu dheireadh)
  • L'Éducation sentimentale, 1869
  • Le Candidat (vaudeville), 1874
  • La Tentation de saint Antoine, 1874 agus 1903 (clò-bhualadh mu dheireadh)
  • Trois Contes :Un cœur simple, La Légende de saint Julien l'Hospitalier, Hérodias, 1877
  • Le Château des cœurs (Dràma), 1880
  • Bouvard et Pécuchet (nach do chrìochnaich e), 1881
  • Par les champs et les grèves (Voyage en Bretagne), 1886
  • Mémoires d'un fou, 1901
  • À bord de la Cange, 1904
  • Œuvres de jeunesse inédites, 1910
  • Dictionnaire des idées reçues, 1913
  • Premières œuvres, 4 leabhraichean, 19141920
  • Novembre, 1928 (ach 1842)
  • Souvenirs, notes et pensées intimes (18381841), 1965
  • Album, annoté par Jean Bruneau agus Jean A. Ducourneau, 1972
  • Bibliomanie et autres textes 1836 - 1839, 1982

Litrichean

  • Lettres à la municipalité de Rouen, 1872
  • Lettres à George Sand, 1884
  • Correspondance, 4 leabhraichean, 18871893
  • Lettres à sa nièce Caroline, 1906
  • Lettres inédites à Georges Charpentier, 1911
  • Lettres inédites à la Mathilde Bonaparte, 1927
  • Correspondance, 9 leabhraichean, 1926 - 1933 agus Supplément, 4 leabhraichean, 1954
  • Lettres inédites à Tourgueneff, 1946
  • Lettres inédites à Raoul Duval, 1950
  • Lettres d'Orient, 1990
  • Correspondance, notaichean le Yvan Leclerc agus Jean-Benoît Guinot, 6 leabhraichean: I (1830 - 1851), 1973; II (1851 - 1858), 1980; III (1859 - 1868), 1991; IV (1869 1875), 1998; V (18751880), 2007; Index, 2007 (éd. Jean Bruneau)

Cruinneachaidhean

  • Œuvres complètes, 8 leabhraichean, 1885 (Quantin)
  • Œuvres, 10 leabhraichean, 18741885 (Lemerre)
  • Œuvres complètes, leabhraichean, 1926 - 1933 (Conard)
  • Œuvres complètes illustrées, leabhraichean, 19211925
  • Œuvres, 2 leabhair. 19511952 agus 1989 (clò-bhualadh ùr), notaichean le Albert Thibaudet agus René Dumesnil (Gallimard)
  • Œuvres complètes, 19401957 (Les Belles Lettres)
  • Œuvres complètes, 2 leabhair. 1964 (Seuil)
  • Œuvres complètes, 18 leabhraichean, 19651965, notaichean le Maurice Nadeau
  • Œuvres complètes, 16 leabhraichean, 1975 (Études littéraires françaises)
  • Œuvres complètes, 16 vo leabhraichean, 19711975, notaichean le Maurice Bardèche
  • Œuvres complètes, notaichean le Claudine Gothot-Mersch agus Guy Sagnesinconnue, 5 leabhraichean. : Œuvres de jeunesse, 2001; I-V: air an t-slighe.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. L'acte de naissance
  2. L'acte de décès
  3. Encyclopædia Britannica
  4. Encyclopédie Larousse
  5. Consultable en ligne
  6. Deach tùsail: Je suis bon catholique. Mais je n’oublierai jamais que le plus illustre de mes ancêtres fut protestant
  7. Taigh-tasgaidh Flaubert
  8. Biographie
  9. documents familiaux
  10. C. Gothot-Mersch, Dictionnaire des littératures de langue française, Bordas, p810.
  11. Le gueuloir de Flaubert : explications du mythe
  12. C. Gothot-Mersch, Dictionnaire des littératures de langue française