Robert Mallet
| Robert Mallet | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Baile Àtha Cliath, 3 dhen Ògmhios 1810 |
| Dùthaich |
|
| Ciad chànan | Beurla |
| Bàs |
Clapham (en) |
| Àite-adhlacaidh |
West Norwood Cemetery (en) |
| Teaghlach | |
| Clann |
liosta
|
| Foghlam | |
| Foghlam | Oilthigh na Trianaide ann am Baile Àtha Cliath |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
einnseanair-thogalach, einnseanair, seismologist (en) |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh nan Saidheansan ann an Göttingen |
B' e creag-eòlaiche, innleadair is seismeòlach Èireannach a bh' ann an Robert Mallet (1810–1881).
Rugadh e ann am Baile Àtha Cliath is dh'ionnsaich e saidheans nàdarra aig Colaiste na Trianaide mus do thoisich e ag obair aig taigh-leaghaidh athar. Chaidh a thaghadh mar bhall Acadamh Rìoghail na h-Èireann nuair a bha e ach 22. Canar "Athair Seismeolais" ris, airson nan deuchainnean a rinn e air tràigh Cill-aine ann an Contae Atha Cliatha, far an do chleachd e urchair phùdair dubh a dhearbh luaths tuinn-bualaidh an gaineamhaich. Nas anmoiche, chaidh e dhan Eadailt as dèidh na crith-thalmhainn a leig Naples ann an 1857, far an do rinn e rannsachadh air a' chron a rinn a' crith-thalmhainn sin. Thionnsgail e am facal Beurla seismology, a chur air eòlas nan crithean-talmhainn.[1]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe Comann Gheòlasach na h-Èireann ann an 1846 is bhuannaich e am Bonn Coineagan à Acadamh Rìoghail na h-Èireann is Bonn Wollaston à Comann Rìoghail na Geòlais.[1]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Eachdraidh-bheatha Robert Mallet aig Oilthigh Vienna
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 “Robert Mallet”. Dublin Institute of Advanced Studies. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2018.