Rob Donn MacAoidh
Rob Donn MacAoidh | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Allt na Caillich, 1714 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1778 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Buaidh | Alexander Pope (en) |
Gnè ealain | bàrdachd |
B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Rob Donn MacAoidh (1714–1778) no Rob Donn mar as fheàrr a dh'aithnichear e.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich ann an Dùthaich MhicAoidh. Nuair a bha e fhathast na ghille òg chaidh e dh'fhuireach ann an taigh Iain MhicEachainn, fear-taca na sgìre. Bha Rob na chìobair do dh'Iain MacEachainn agus cuideachd thug e a dhà no thrì bliadhnaichean anns an arm.
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Bha liut air leth aig Rob Donn air a bhith a' dèanamh bàrdachd agus gu sònraichte air a bhith a' fanaid air daoine a b' aithne dha - ge b'e cho àrd no ìseal 's a bha an seasamh sa choimhearsnachd - agus tachartasan a ghabh àite ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh'fhàg e còrr is dà cheud dàn as a dhèidh, air an sgrìobhadh sìos le daoine a bh' air èisteachd riutha o bheul a' bhàird fhèin. Cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aig Rob Donn.
A-measg nan dàn as ainmeile aige tha marbhrann sgaiteach a rinn e do chloinn Fhir Taigh Ruspainn, marbhrann àlainn do dh'Iain MacEachainn agus dà òran a' nochdadh bàidh don Phrionnsa Teàrlach, ged nach b'ann air taobh a' Phrionnsa a bha Dùthaich MhicAoidh. Sgrìobh e cuideachd 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth', a tha a' nochdadh na tlachd a bha e a' gabhail ann a bhith a' sealg, agus òran-gaoil ainmeil a tha fhathast ga sheinn an-diugh, air a bheil 'Iseabail NicAoidh'. Bha deagh chuid de na dàin aige air leth èibhinn agus tha dà fhear aca seo fhathast ga sheinn gu tric cuideachd, 'Briogais Mhic Ruaraidh' agus 'Thèid Mi Cuide Riut'.
Cha robh sgoil aig Rob ach bha e eòlach air obair a' bhàird Shasannaich ainmeil Alexander Pope, tro chòmhraidhean le ministear na sgìre, an t-Urramach MacDhòmhnaill, agus chithear a' bhuaidh a bh' aig stoidhle agus smuaintean Phope air torr den bhàrdachd aig Rob Donn ach gu sònraichte air na marbhrainn.
Dàin
[deasaich | deasaich an tùs]- Turas Dhàibhidh do dh’Arcaibh An Lasair, d.280-5
- Spìocairean Ruspainn An Lasair, d.234-7
- Is Trom Leam an Àirigh An Lasair, d.142-3
Sgrìobhaidhean mu a dhèidhinn
[deasaich | deasaich an tùs]- Grimble, Ian. The World of Rob Donn. Saltire Society, 1999.
- Beard, Ellen (deas.) 100 Òran le Rob Donn MacAoidh. Taigh na Teud, 2018.[1]
- Beard, Ellen Leslie (2016): Rob Donn MacKay : finding the music in the songs (teusas PhD). Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “100 Songs of Rob Donn MacKay - 100 Oran le Rob Donn MacAoidh”. Taigh na Teud. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.
- Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- GRD: Rob Donn MacAoidh
- BBC Alba: Làrach nam Bàrd: Rob Donn MacAoidh
- Bliadhna nan Òran: Rob Donn, fiosrachadh is òrain
- “Rob Donn Mackay”. Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.