Rivne
Coltas
| Rivne Рівне
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 50° 37 09' Tuath 26° 15 07' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 63 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 245,289 (2019) | ||||
| Dlùths | 3,893.48/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 380 36 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
'S e baile mòr eadar Lutsk agus Zhytomyr anns An Ucràin a th' ann an Rivne (Ucràinis: Рівне, IPA: ˈrivnɛ, Pòlais: Równe, Iùdais; ראוונע). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Ustya, san roinn Rivnenska Oblast. Tha 245,289 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1283. Chuir am bàrd Zuzanna Ginczanka bliadhnaichean seachad a' fuireach an seo, às dèidh dhi Kyiv fhàgail ann an 1920.[1] Ann an 1991, thàinig Rivne gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Rivne a' bruidhinn (92.08%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (7.48%).[2]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Dan Ben-Amotz (1924 - 1989): Sgrìobhadair agus craoladair.
- Anna Walentynowicz (1929 - 2010): Neach-iomairt nan Aonaidhean-ciùird.
- Oksana Markarova (1976): Neach-poileataigs.