Rith

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Tha Rith (IPA: /rˠih/) 'na rèis gus a' Ghaeilge a bhrosnachadh. Chaidh a chumail ann an 2010 a' chiad turas agus chaidh a chumail còmhla ri Seachtain na Gaeilge. Thòisich e ann an Gaillimh agus thàinig e gu crìoch ann am Béal Feirste, a' tadhal an dà chuid air àitichean ann am Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath.[1]

Tha Rith stèidhichte air rèis à Dùthaich nam Basgach, an Korrika, far an deach a chumail gus taic a chur ris a' Bhasgais ann a-mach o na 1980an. A bharrachd air Rith, bhrosnaich e stèidheachadh rèisean eile mar an Correllengua sa Chataloin, Ar Redadeg sa Bhreatainn Bheag agus Corsa d'Aran sa Vall d'Aran.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Rith 2010 - Rith 2018(Gaeilge). Rith Teoranta. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2018.

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Baile - Rith 2018(Gaeilge). Rith Teoranta. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2018.