Rishi Sunak
'S e neach-poileataigs à Sasainn a tha ann an Rishi Sunak BP.
Rugadh e ann an Southampton ann an 1980. Bha e na sgoilear aig Colaiste Winchester agus dh'ionnsaich e poileataigs, feallsanachd agus eaconomachd aig Oilthigh Oxford agus an dèidh sin MBA aig Oilthigh Stanford far an do thachair e ri Akshata Murthy, nighean NR Narayana Murthy a stèidhich an companaidh mòr Infosys anns na h-Innseachan.[1]
Chaidh a thagadh mar BhP airson Richmond ann an Siorrachd Eabhraig air a' chiad turas anns an taghadh coitcheann 2015. An dèidh sin dh'fhrithealaich e mar fho-rùnaire pàrlamaid airson taigheadais, choimhearsnachdan agus riaghaltas ionadail eadar 2018 agus 2019, mar Phrìomh-rùnaire an Ionmhais gu 2020 agus mar Sheansalair an Ionmhais eadar an Gearran 2020 agus an t-Iuchar 2022 nuair a leig e a dhreuchd suas air sgàth 's nach do thoirt e taic do Bhoris Johnson.[2] Lean e Liz Truss mar phrìomhaire gun taghadh san Dàmhair 2022.[3]
Ghairm e taghadh coitcheann a thachair 4 an t-Iuchar 2024.[4] Ged a bhuannaich e an seat aige a-rithist, chaill e an taghadh seo agus lean Sir Keir Starmer mar phrìomhaire e.[5]
Connspaid
[deasaich | deasaich an tùs]Chruthaich Sunak an sgeama Eat Out to Help Out airson taic a thoirt do thaighean-bidhe agus do thaighean-seinnse ri linn a' phandemic. Ged a lughdaich an sgeama sin reat na h-atmorachd a-rèir an ONS,[6] mheudaich an sgeama àireamh nan cùisean COVID le eadar 8% agus 17% a-rèir eaconamaichean aig Oilthigh Warwick.[7]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Rishi Sunak MP, Richmond (Yorks)”. They Work for You. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Sullivan, Helen: “Who is Rishi Sunak? Everything you need to know about Britain’s next prime minister”, The Guardian. 25mh dhen Dàmhair 2022. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
- ↑ “Parliamentary career for Rishi Sunak - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 25mh dhen Dàmhair 2022. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
- ↑ “Taghadh Coitcheann air 4mh den Iuchar”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “An Taghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen t-Sultain 2020. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
- ↑ “‘Eat Out to Help Out’ scheme drove new COVID-19 infections up by between 8 and 17%, new research finds”, Oilthigh Warwick. 30mh dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2024.
Prìomhairean na Breatainne Mòire: Walpole (1721–1742) · Compton (1742–1743) · Pelham (1743–1754) · Newcastle (1754–1756) · Devonshire (1756–1757) · Newcastle (1757–1762) · Bute (1762–1763) · G. Grenville (1763–1765) · Rockingham (1765–1766) · Chatham (Pitt Mòr) (1766–1768) · Grafton (1768–1770) · North (1770–1782) · Rockingham (1782) · Shelburne (1782–1783) · Portland (1783) |
Prìomhairean na Rìoghachd Aonaichte (an dèidh do 1800): Pitt Beag (1783–1801) · Addington (1801–1804) · Pitt Beag (1804–1806) · W. Grenville (1806–1807) · Portland (1807–1809) · Perceval (1809–1812) · Liverpool (1812–1827) · Canning (1827) · Goderich (1827–1828) · Wellington (1828–1830) · Grey (1830–1834) · Melbourne (1834) · Wellington (1834) · Peel (1834–1835) · Melbourne (1835–1841) · Peel (1841–1846) · Russell (1846–1852) · Derby (1852) · Aberdeen (1852–1855) · Palmerston (1855–1858) · Derby (1858–1859) · Palmerston (1859–1865) · Russell (1865–1866) · Derby (1866–1868) · Disraeli (1868) · Gladstone (1868–1874) · Disraeli (1874–1880) · Gladstone (1880–1885) · Salisbury (1885–1886) · Gladstone (1886) · Salisbury (1886–1892) · Gladstone (1892–1894) · Rosebery (1894–1895) · Salisbury (1895–1902) · Balfour (1902–1905) · Campbell-Bannerman (1905–1908) · Asquith (1908–1916) · Lloyd George (1916–1922) · Bonar Law (1922–1923) · Baldwin (1923–1924) · MacDonald (1924) · Baldwin (1924–1929) · MacDonald (1929–1935) · Baldwin (1935–1937) · Chamberlain (1937–1940) · Churchill (1940–1945) · Attlee (1945–1951) · Churchill (1951–1955) · Eden (1955–1957) · Macmillan (1957–1963) · Douglas-Home (1963–1964) · Wilson (1964–1970) · Heath (1970–1974) · Wilson (1974–1976) · Callaghan (1976–1979) · Thatcher (1979–1990) · Major (1990–1997) · Blair (1997–2007) · Brown (2007–2010) · Camshron (2010–2016) · May (2016–2019) · Johnson (2019–2022) · Truss (2022) · Sunak (2022–2024) · Starmer (2024–) |