Ramiriquí

O Uicipeid
Ramiriquí
Flag of Ramiriquí (Boyacá).svg [[Faidhle:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Boyaca - Ramiriqui.svg
Sealladh air a' bhaile
Ramiriqui 02.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Boyacá Department.svg Boyacá
Àirde 1325m
Co-chomharran 5° 24' 15 Tuath
73° 20' 19 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 139 km²
Àireamh-shluaigh 10,789 (2005)
Dlùths 77.62/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Ramiquirí

'S e baile beag ann am Boyacá a th' ann an Ramiriquí. Tha e suidhichte aig 2,179m os cionn ìre na mara. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1541.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 10,789 nan tàmh anns a' bhaile, tha a'mhòr-chuid, neo 6,089 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[1] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[2] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ramiriquí (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.9% dhe na daoine ann an Ramiriquí leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.2% dhe na dachannan.[3]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ramiriquí. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[4] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  2. Cololmbia Virtual
  3. Bileag fhiosrachaidh DANE
  4. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: