Qunu
Qunu | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Afraga a Deas |
Ceàrn | EMpuma Koloni |
Sgìre | OR Tambo |
Co-chomharran | 31° 47′ 00″ Deas 28° 37′ 00″ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1.65 km² |
Àireamh-shluaigh | 213 (2001) |
Dlùths | 129.09/km² |
Àireamh fòn | 087 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Mthatha, ann an ceann a deas Afraga a Deas a th’ ann an Qunu (IPA: ˈk͡ǃuːnu). The suidhichte aig 915m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Rubha an Ear (Xhosa: EMpuma Koloni), anns an sgìre OR Tambo, eadar KuMveso agus Butterworth, ri taobh na h-aibhe Mbashe. Tha e 27km air falbh bho Mthatha, 21km bho Mvezo, 641km bho Johannesburg agus 677km bho Phretoria, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 213 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Xhosa a th’ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Qunu. Thogadh Nelson Mandela ann an Qunu, leis gun do deach na daoine aige Mvezo air sàilleabh gun do chuireadh athair às a dreuchd mar cheann-feadhna an suid. Chaidh Nelson Mandela (1918 – 2013) a thìodhlacadh ann am Qunu, an t-àite far a thogadh e.[4]